Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 13:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Agus nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus fathannan mu chogaidhean, na bithibh fo dhragh. Feumaidh seo tachairt, ach chan eil a' chrìoch ann fhathast.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus nuair a chluinneas sibh cogaidhean, agus tuairisgeal chogaidhean, na biodh buaireas oirbh: oir is èiginn dhaibh seo teachd; ach chan eil a’ chrìoch ann fhathast.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus nuair a chluinneas sibh cogaidhean, agus tuairisgeal chogaidhean, na biodh buaireas oirbh: oir is èiginn dhaibh seo teachd; ach chan eil a’ chrìoch ann fhathast.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

7 Nuair a chluinneas sibh ùbraid chogaidhean faisg air làimh agus iomradh air cogaidhean fad ás, na biodh eagal oirbh; feumaidh seo a bhith, ach chan e sin fhathast a' chrìoch.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Agus nuair a chluinneas sibh cogaidhean, agus sgialan chogaidhean, na gabhaibh eagal: oir ʼs fheudar do na nichean sin tachairt: ach cha n-eil a chrioch ann fhathast.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 13:7
17 Iomraidhean Croise  

Is mairg dhan t‑saoghal air sgàth cheapan‑tuislidh! Oir feumaidh gun tig ceapan‑tuislidh, ach is mairg dhan neach sin tron tig an ceap‑tuislidh!


Nuair a chuala an Rìgh Herod seo, bha e fo dhragh mòr, agus Ierusalem gu lèir còmhla ris.


Thig mòran nam ainm‑sa, ag ràdh, ‘Is mise Esan,’ agus meallaidh iad mòran.


Oir èiridh nàisean an aghaidh nàisein, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd. Bidh crithean‑talmhainn ann an iomadh àite; bidh gortan ann. Is iad seo toiseach tòiseachaidh phiantan asaid.


“Na biodh ur cridhe fo thrioblaid. Creidibh ann an Dia; creidibh annamsa cuideachd.


Sìth tha mi a' fàgail agaibh, mo shìth‑sa tha mi a' toirt dhuibh. Chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a' toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal oirbh.


a' mìneachadh agus a' dearbhadh gun robh e riatanach dhan Chrìosd fulang is èirigh o na mairbh, agus ag ràdh, “Is e seo an Crìosd, Ìosa a tha mise a' searmonachadh dhuibh.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan