Marcus 13:34 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201734 Tha e coltach ri duine a' dol air turas, nuair a dh'fhàgas e a thaigh fhèin agus a bheir e ùghdarras dha sheirbheisich, is obair fhèin do gach neach, agus a bheir e àithne dhan dorsair faire a dhèanamh. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199234 Oir tha Mac an Duine mar dhuine a chaidh air thuras, agus a dh’fhàg a thaigh fhèin, agus a thug da sheirbhisich cumhachd, agus a obair fhèin do gach neach, agus a thug àithne don dorsair faire a dhèanamh. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199234 Oir tha Mac an Duine mar dhuine a chaidh air thuras, agus a dh’fhàg a thaigh fhèin, agus a thug da sheirbhisich cumhachd, agus a obair fhèin do gach neach, agus a thug àithne don dorsair faire a dhèanamh. Faic an caibideilAnn An Gàidhlig an Latha An-diugh 198634 Bidh e dìreach mar dhuine a' falbh air chuairt, 's a' fàgail a thaighe air chùram nan seirbhiseach. Tha e a' toirt obair fhèin dha gach fear, 's ag iarraidh air an dorsair a bhith ri faire. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187534 Mar dhuine a dol fad air astar a dhʼ fhag a thigh, ʼsa thug cumhachd dha sheirbhisich thairis air gach obair, ʼsa dhʼ àithn air an dorsair faire dhianamh. Faic an caibideil |