Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 13:23 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

23 Ach thoiribh‑se an aire; dh'innis mi dhuibh a h‑uile sìon ro‑làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

23 Agus thugaibh-se an aire: feuch, ro‑innis mi dhuibh na h‑uile nithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

23 Agus thugaibh‐se an aire: feuch, ro‑innis mi dhuibh na h‑uile nithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

23 Ach bithibhse air ur faiceall, oir dh'innis mi dhuibh a h‑uile nì roimh-làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

23 Thugaibhse ma ta an aire: seall, dhʼinnis mi dhuibh gach ni roi-laimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 13:23
13 Iomraidhean Croise  

Mar sin, a mhuinntir ghràdhaichte, a chionn 's gu bheil fios agaibh air a seo ro làimh, dìonaibh sib' fhèin mus toir mearachd dhaoine olc a thaobh sibh, 's gun tuit sibh o ur seasmhachd fhèin.


Agus a‑nis tha mi air seo innse dhuibh mus tig e gu bith, airson, nuair a thachras e, gun creideadh sibh.


Agus thuirt esan, “Thoiribh an aire nach tèid ur mealladh, oir thig mòran nam ainm‑sa, ag ràdh, ‘Is mise Esan!’ agus ‘Tha an t‑àm faisg air làimh!’ Na leanaibh iad.


Agus thòisich Ìosa air a ràdh riutha, “Thoiribh an aire nach meall neach sam bith sibh.


“Bithibh faiceallach, air eagal 's gum bi ur cridheachan air an draghadh sìos le geòcaireachd agus le misg, agus le cùraman na beatha seo, agus gun tig an latha sin oirbh gu luath mar ribe.


Thoiribh an aire! Dèanaibh faire! Oir chan eil fios agaibh cuin a thig an t‑àm.


“Ach thoiribh an aire! Oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean, agus thèid ur dochann sna sionagogan, agus seasaidh sibh mu choinneamh uachdaran is rìghrean air mo shon‑sa, mar fhianais dhaibhsan.


“Thoiribh an aire dha na fàidhean brèige, a thig thugaibh ann an aodach chaorach ach air an taobh a‑staigh a tha nam madaidhean‑allaidh le acras mòr orra.


Seallaibh, tha mi air innse dhuibh ro‑làimh.


Èiridh crìosdan brèige agus fàidhean brèige is nì iad comharraidhean agus iongantasan, airson 's, nan robh e an comas, an fheadhainn thaghte fhèin a mhealladh.


“Ach sna làithean sin, às dèidh an àmhghair ud, “‘bidh a' ghrian air a dorchnachadh, agus cha toir a' ghealach a solas uaipe;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan