Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 13:13 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

13 Fuathaichidh gach neach sibh air sgàth m' ainme‑sa, ach bidh an neach a leanas air chun na crìche air a shàbhaladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Agus bidh sibh air ur fuathachadh leis na h‑uile dhaoine air sgàth m’ainme-sa: ach an tì a bhuanaicheas a‑chum na crìche, is e seo a shaorar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Agus bidh sibh air ur fuathachadh leis na h‑uile dhaoine air sgàth m’ainme‐sa: ach an tì a bhuanaicheas a‑chum na crìche, is e seo a shaorar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

13 Bidh fuath aig a h‑uile duine dhuibh air sgàth m'ainm-sa, ach an neach a sheasas daingeann chun na crìche, bidh e air a shaoradh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

13 Agus bithidh fuath aig daoine uile oirbh as leth mʼ ainmse. Ach is esan a sheasas buan thun na crìche a bhios sabhailte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 13:13
19 Iomraidhean Croise  

agus bidh fuath aig a h‑uile duine dhuibh air sgàth m' ainme‑sa, ach ge b' e a leanas air chun na crìche bidh e air a shàbhaladh.


ach bidh an neach a leanas air chun na crìche air a shàbhaladh.


“An uair sin bheir iad thairis sibh gu àmhghar agus cuiridh iad gu bàs sibh, agus bidh fuath aig a h‑uile nàisean dhuibh air sgàth m' ainme‑sa.


“Bheir bràthair a bhràthair thairis gu bàs, agus athair a leanabh, agus èiridh a' chlann suas an aghaidh am pàrantan, agus bidh iad air an cur gu bàs.


Fuathaichidh gach neach sibh air sgàth m' ainme‑sa.


Is beannaichte sibh, nuair a bheir daoine fuath dhuibh, agus a dhùineas iad a‑mach sibh agus a bheir iad droch bheul dhuibh agus a dhiùltas iad mar olc ur n‑ainm, air sgàth Mhic an Duine.


Ach na rudan seo gu lèir nì iad ribh air sgàth m' ainm‑sa, oir chan aithne dhaibh esan a chuir a‑mach mi.


Tha mi air d' fhacal a thoirt dhaibh, agus bha fuath aig an t‑saoghal dhaibh a chionn 's nach ann dhen t‑saoghal a tha iad, dìreach mar nach eil mise dhen t‑saoghal.


dhaibhsan a tha le leanaltas ann an obair mhath a' sireadh glòir is urram is neo‑bhàsmhorachd, bheir e a bheatha shìorraidh;


Agus na cailleamaid misneachd a thaobh math a dhèanamh, oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura gèill sinn.


Ach cha bhuin sinne dhan fheadhainn sin a thionndaidheas air ais gu sgrios, ach dhan fheadhainn aig a bheil creideamh airson beatha a ghleidheadh.


Oir tha sinn air tighinn gus a bhith nar compàirtichean de Chrìosd, ma ghleidheas sinn gu daingeann toiseach ar barantais chun an deiridh.


Is beannaichte an duine a dh'fhuilingeas buaireadh, oir air a dhearbhadh, gheibh e crùn na beatha, a gheall Dia dhan fheadhainn aig a bheil gràdh dha.


Na cuireadh e iongnadh oirbh, a bhràithrean, ma tha fuath aig an t‑saoghal dhuibh.


Na biodh eagal idir ort o na tha thu dol a dh'fhulang. Seall! Tha Sàtan gus cuid agaibh a thilgeil dhan phrìosan gus an tèid ur dearbhadh, agus bidh trioblaid agaibh airson deich latha. Bi dìleas gu bàs, agus bheir mi crùn na beatha dhut.


Oir ghlèidh thu facal mo leanaltais, agus gleidhidh mise thusa o uair na deuchainn a tha gus a thighinn air an t‑saoghal gu lèir airson an fheadhainn a tha a' còmhnaidh air an talamh a dhearbhadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan