Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 13:11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 Agus nuair a bheir iad leotha sibh agus a bheir iad thairis sibh, na biodh cùram oirbh ro‑làimh a thaobh dè a chanas sibh, ach canaibh ge b' e dè a thèid a thoirt dhuibh aig an àm sin, oir chan e sibhse a tha a' bruidhinn ach an Spiorad Naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Ach nuair a bheir iad leo sibh, gu ur tabhairt thairis, na biodh e na ro‑chùram oirbh ciod e a labhras sibh, agus na smaoinichibh ro‑làimh air: ach ge bè nì a bheirear dhuibh anns an uair sin fhèin, abraibh e: oir cha sibhse a tha a’ labhairt, ach an Spiorad Naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Ach nuair a bheir iad leo sibh, gu ur tabhairt thairis, na biodh e na ro‑chùram oirbh ciod e a labhras sibh, agus na smaoinichibh ro‑làimh air: ach ge bè nì a bheirear dhuibh anns an uair sin fhèin, abraibh e: oir cha sibhse a tha a’ labhairt, ach an Spiorad Naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

11 Nuair a bheir iad thairis sibh a sheasamh cùirt, na biodh cùram oirbh roimh-làimh dè a their sibh, ach canaibh an rud a thèid a thoirt dhuibh aig an uair sin fhèin, oir chan e sibhse a bhios a' bruidhinn ach an Spiorad Naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 Agus nuair a bhios iad guʼr tarruinn leo, ʼs guʼr liubhairt seachad, na smaoinichibh air ciod a their sibh; ach an ni bheirear dhuibh san uair sin fhein, labhraibh: oir cha sibhse a tha labhairt, ach an Spiorad Naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 13:11
25 Iomraidhean Croise  

“Bithibh air ur faiceall o dhaoine, oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean, agus sgiùrsaidh iad sibh nan sionagogan


“Bheir bràthair a bhràthair thairis gu bàs, agus athair a leanabh, agus èiridh a' chlann suas an aghaidh am pàrantan, agus bidh iad air an cur gu bàs.


“Ach thoiribh an aire! Oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean, agus thèid ur dochann sna sionagogan, agus seasaidh sibh mu choinneamh uachdaran is rìghrean air mo shon‑sa, mar fhianais dhaibhsan.


“Ach roimhe seo uile, cuiridh iad an làmhan oirbhse agus geur‑leanaidh iad sibh, gur toirt thairis dha na sionagogan agus na prìosain, agus thèid ur toirt mu choinneamh rìghrean agus riaghladairean air sgàth m' ainme‑sa.


Fhreagair Eòin, “Chan urrainn do neach rud fhaighinn ach na tha air a thoirt dha o nèamh.


Agus bha iad uile air an lìonadh leis an Spiorad Naomh agus thòisich iad air bruidhinn ann an teangannan eile, mar a thug an Spiorad comas còmhraidh dhaibh.


Ghlòraich Dia Abrahàim, is Ìsaaic, is Iàcoib, Dia ar n‑athraichean, a sheirbheiseach Ìosa, a thug sibhse thairis agus a dh'àich sibh ann an làthair Phìlait, nuair a chuir e roimhe a leigeil ma sgaoil.


Agus nuair a bha iad air ùrnaigh a dhèanamh, bha an t‑àite san robh iad cruinn air a chrathadh, agus chaidh iad uile a lìonadh leis an Spiorad Naomh agus dh'aithris iad facal Dhè le dànachd.


Ach cha b' urrainn dhaibh cur an aghaidh a' ghliocais agus an spioraid leis an robh e a' bruidhinn.


Agus a' geur‑amharc air, chunnaic iad gun robh aodann mar aodann aingil.


Ach, làn dhen Spiorad Naomh, choimhead esan gu geur a‑steach do nèamh agus chunnaic e glòir Dhè, agus Ìosa na sheasamh air deas‑làimh Dhè.


Agus tha sinn a' bruidhinn nan rudan sin ann am briathran nach deach an teagasg le gliocas dhaoine, ach a chaidh an teagasg leis an Spiorad, ag eadar‑mhìneachadh rudan spioradail dhaibhsan a tha spioradail.


nach robh air a dèanamh aithnichte do chloinn nan daoine ann an ginealaichean eile mar a tha i a‑nis air a bhith air a foillseachadh dha abstoil naomha 's dha fhàidhean leis an Spiorad:


Ach ma tha dìth gliocais air neach sam bith agaibh, iarradh e air Dia e – esan a tha a' toirt gu fialaidh dhan a h‑uile neach gun dìmeas a dhèanamh – agus thèid a thoirt dha.


Chaidh fhoillseachadh dhaibh nach b' ann dhaib' fhèin ach dhuibhse a bha iad a' ministrealachadh nan rudan seo, a chaidh a‑nis an innse dhuibh tromhpasan a shearmonaich an deagh sgeul dhuibh san Spiorad Naomh, a chaidh a chur o nèamh, rudan air am miann le ainglean a bhith a' coimhead.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan