Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 13:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Agus feumaidh an soisgeul an toiseach a bhith air a shearmonachadh dhan a h‑uile nàisean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus is èiginn air tùs an soisgeul a bhith air a shearmonachadh do na h‑uile chinnich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus is èiginn air tùs an soisgeul a bhith air a shearmonachadh do na h‑uile chinnich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

10 Ach an toiseach feumar an Deagh Sgeul a shearmonachadh dha na cinnich uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Us feumar an soisgeul a theagasg an toiseach feadh a h-uile cinnidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 13:10
10 Iomraidhean Croise  

Èiridh muinntir Ninebheh anns a' bhreitheanas còmhla ris a ghinealach seo, agus dìtidh iad e, oir rinn iadsan aithreachas aig searmon Iònah agus, seall, tha nas motha na Iònah an seo.


Agus bidh an soisgeul seo aig an rìoghachd air a shearmonachadh air feadh an t‑saoghail gu lèir, mar fhianais dha na nàiseanan uile, agus an uair sin thig an deireadh.


Agus thuirt e riutha, “Thallaibh air feadh an t‑saoghail gu lèir agus searmonaichibh an soisgeul dhan chruthachadh gu lèir.


An toiseach, tha mi a' toirt taing dham Dhia tro Ìosa Crìosd air ur son‑se uile, a chionn 's gu bheil ur creideamh air aithris gu follaiseach air feadh an t‑saoghail.


Ach, tha mi ag ràdh, nach cuala iad? Dha‑rìribh chuala: “Tha an guth‑san air a dhol a‑mach dhan t‑saoghal uile, agus am briathran gu iomallan an t‑saoghail.”


le cumhachd chomharraidhean is mhìorbhailean, le cumhachd Spiorad Dhè – airson 's, o Ierusalem is fad na slighe timcheall gu Iliricum, gu bheil mi air ministrealachd soisgeul Chrìosd a choileanadh;


ma dh'fhanas sibh dha‑rìribh sa chreideamh, stèidhichte is daingeann, agus gun a bhith air ur gluasad o dhòchas an t‑soisgeil a chuala sibh, a chaidh a shearmonachadh dhan chruthachadh gu lèir fo nèamh, air an deach mise, Pòl, mo dhèanamh nam mhinistear.


a th' air tighinn thugaibh, dìreach mar a tha e a' toirt a‑mach toraidh 's a' fàs san t‑saoghal gu lèir, eadhon mar a tha e cuideachd a' dèanamh nur measg‑se, on latha san cuala sibh e 's a thuig sibh gràs Dhè ann am fìrinn;


Agus chunnaic mi aingeal eile air sgèith ann am meadhan an adhair, aig an robh deagh sgeul shìorraidh ri shearmonachadh dhaibhsan a tha a' còmhnaidh air an talamh, agus dhan a h‑uile nàisean is treubh is teanga is sluagh,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan