Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 12:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 “Dè a nì am fear leis an robh am fìon‑lios? Thig e agus sgriosaidh e na tuathanaich agus bheir e am fìon‑lios do dh'fheadhainn eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Ciod e uime sin a nì tighearna an fhìonlios? Thig e agus sgriosaidh e an tuath sin, agus bheir e am fìonlios do dhaoine eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Ciod e uime sin a nì tighearna an fhìonlios? Thig e agus sgriosaidh e an tuath sin, agus bheir e am fìonlios do dhaoine eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

9 “Dè a‑nis a tha maighistir na lios a' dol a dhèanamh? Thig e agus sgriosaidh e na daoine sin, agus bheir e seachad an fhìon-lios do dh'fheadhainn eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Ciod ma ta a ni tighearna a ghàraidh-fhiona? Thig e, agus sgriosaidh e an tuath sin; agus bheir e ghàradh-fiona do dhʼfheadhainn eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 12:9
33 Iomraidhean Croise  

An uair sin falbhaidh e agus bheir e leis seachd spioradan eile nas uilce na e fhèin, is thèid iad a‑steach agus fanaidh iad an sin, is bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid. Is ann mar sin cuideachd a bhitheas leis a' ghinealach olc seo.”


Nuair a thàinig àm an fhogharaidh, chuir e a sheirbheisich gu na tuathanaich airson an toradh aige fhaighinn.


“Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gun tèid rìoghachd Dhè a thoirt uaibhse, agus gun tèid a toirt do shluagh a bheir a‑mach a toradh.


Ach ghabh an rìgh an fhearg, agus chuir e na h‑armailtean aige a‑mach agus sgrios e na murtairean sin, agus loisg e am baile aca.


Nach do leugh sibh an Sgriobtar seo: “‘A' chlach a dhiùlt na clachairean, chaidh ceann an oisein a dhèanamh dhith;


Rug iad air, agus mharbh iad e, agus thilg iad a‑mach às an fhìon‑lios e.


Ach na nàimhdean seo agamsa, leis nach bu toigh l' gum bithinn‑sa nam rìgh os an cionn, thugaibh an seo iad agus marbhaibh iad mum choinneamh.’”


Agus tha Isaiah cho dàn 's gu bheil e ag ràdh: “Chaidh mo lorg leothasan nach robh gam shireadh; dh'fhoillsich mise mi fhèin dhaibhsan nach do dh'fhaighnich air mo shon.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan