An uair sin nuair a chunnaic Herod gun robh na Magi air a char a thoirt às, thàinig fearg mhòr air. Agus chuir e feadhainn uaithe is mharbh e na bha de bhalaich ann am Betlehem agus sa cheàrnaidh sin uile a bha dà bhliadhna a dh'aois is fodha, a rèir an ama a bha e air fhaighinn a‑mach gu mionaideach o na Magi.
Agus bha iad a' sireadh cothrom a chur an grèim ach bha eagal an t‑sluaigh orra, oir thuig iad gum b' ann nan aghaidh fhèin a thuirt e a' chosamhlachd. Mar sin dh'fhàg iad e agus chaidh iad air falbh.
ag ràdh, “Thug sinne òrdugh teann gun teagasg a dhèanamh san ainm seo, agus fhathast lìon sibhse Ierusalem le ur teagasg, agus tha sibh a' cur romhaibh fuil an duine sin a thoirt oirnne.”
Cò dhe na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur‑leanmhainn? Agus mharbh iad iadsan a chuir an cèill ro‑làimh teachd an Aoin Fhìreanta, a tha sibhse a‑nis air a bhrath agus air a mhurt,