Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 12:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Agus chuir e fear eile thuca is mharbh iad esan. Agus mar seo le mòran a bharrachd: bhuail iad cuid dhiubh agus mharbh iad cuid eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus a‑rìs chuir e neach eile dan ionnsaigh; agus esan mharbh iad: agus mòran eile, a’ bualadh cuid dhiubh, agus a’ marbhadh cuid eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus a‑rìs chuir e neach eile dan ionnsaigh; agus esan mharbh iad: agus mòran eile, a’ bualadh cuid dhiubh, agus a’ marbhadh cuid eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

5 Chuir e an‑uairsin seirbhiseach eile thuca, ach mharbh iad am fear seo. Chuir e mòran eile thuca a bharrachd orrasan. Chaidh cuid a leòn agus cuid a mharbhadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 ʼSa rithist chuir e fear eile, ʼs mharbh iad e; agus moran eile: cuid dhiu sgiurs iad, ach cuid eile mharbh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 12:5
11 Iomraidhean Croise  

agus rug an còrr dhiubh air a sheirbheisich, agus làimhsich iad gu maslach iad agus mharbh iad iad.


“A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an fheadhainn a chaidh a chur thugad! Dè cho tric 's a bu mhiann leam do chlann a chruinneachadh còmhla, mar a chruinnicheas cearc a h‑iseanan fo a sgiathan, ach cha robh sibh deònach.


Dèanaibh gàirdeachas agus bithibh toilichte, oir is mòr ur duais ann an nèamh, oir mar sin rinn iad geur‑leanmhainn air na fàidhean a bha romhaibh.


A‑rithist chuir e seirbheiseach eile thuca, agus bhuail iad air a' cheann e, agus làimhsich iad gu maslach e.


“Bha fhathast aon fhear eile aige, mac a bu ghràdhach leis. Mu dheireadh chuir e esan thuca, ag ràdh, ‘Bheir iad urram dham mhac.’


Ach tha mise ag innse dhuibh gu bheil Eliah dha‑rìribh air tighinn, agus rinn iad ris gach nì a thogair iad, a rèir mar a tha e sgrìobhte ma dheidhinn.”


Bithibh‑se tròcaireach, dìreach mar a tha ur n‑Athair tròcaireach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan