Marcus 12:41 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201741 Agus shuidh Ìosa sìos mu choinneamh àite an ionmhais, agus bha e a' sealltainn air an t‑sluagh a' tilgeil an airgid dhan chiste‑ionmhais, is thilg tòrr dhaoine beairteach mòran innte. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199241 Agus air do Iosa suidhe fa chomhair àite-coimhead an ionmhais, thug e fa‑near cionnas a bha am poball a’ cur an airgid anns an ionmhas: agus chuir mòran de dhaoine saoibhir mòran ann. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199241 Agus air do Iosa suidhe fa chomhair àite‐coimhead an ionmhais, thug e fa‑near cionnas a bha am poball a’ cur an airgid anns an ionmhas: agus chuir mòran de dhaoine saoibhir mòran ann. Faic an caibideilAnn An Gàidhlig an Latha An-diugh 198641 Shuidh Iosa mu choinneamh àite-tionail an airgid san teampall, 's bha e gabhail beachd mar a bha daoine a' cur ann. Bha mòran dhaoine beairteach a' cur airgead mòr ann. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187541 ʼS nuair a bha Iosa ʼna shuidhe mu choinneamh tasgaidh an iuntais, chunnaic e mar bha ʼn sluagh a tilgeadh airgid san tasgaidh, agus thilg moran de dhaoine beartach na h-uibhir innte. Faic an caibideil |