Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 12:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Aig an àm cheart chuir e seirbheiseach gu na tuathanaich airson 's gum faigheadh e cuid de thoradh an fhìon‑lios uapa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus anns an àm dhligheach chuir e seirbhiseach a dh’ionnsaigh na tuatha, a‑chum gum faigheadh e de thoradh an fhìonlios on tuath.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus anns an àm dhligheach chuir e seirbhiseach a dh’ionnsaigh na tuatha, a‑chum gum faigheadh e de thoradh an fhìonlios on tuath.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 Nuair a thàinig an t‑àm, chuir e seirbhiseach gu na tuathanaich a dh'fhaighinn bhuapa a chuid fhèin de thoradh na lios.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus chuir e seirbhiseach thun na tuatha san àm, los gum faigheadh e de thoradh an fhion-lios bhoʼn tuath.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 12:2
18 Iomraidhean Croise  

Nuair a thàinig àm an fhogharaidh, chuir e a sheirbheisich gu na tuathanaich airson an toradh aige fhaighinn.


Agus thòisich Ìosa air bruidhinn riutha ann an cosamhlachdan: “Chuir duine fìon‑lios, agus chuir e balla timcheall air agus chladhaich e amar‑fìona, agus thog e tùr; agus thug e air mhàl do thuathanaich e agus dh'fhàg e an dùthaich.


Ach ghlac iad e agus dhochainn iad e agus chuir iad uapa falamh e.


Ach an neach dha nach b' aithne, agus a rinn rudan a bha airidh air buillean, thèid esan a bhualadh le beagan bhuillean. Oir gach neach dhan deach mòran a thoirt, thèid mòran iarraidh uaithe, agus ge b' e ris an deach mòran earbsa, thèid tuilleadh iarraidh air.


Aig an àm cheart chuir e seirbheiseach gu na tuathanaich airson 's gun toireadh iad dha cuid de thoradh an fhìon‑lios. Ach dhochainn na tuathanaich e agus chuir iad uapa falamh e.


Aig iomadh àm 's ann an iomadh dòigh, bhruidhinn Dia o shean ris na h‑athraichean tro na fàidhean,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan