Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 12:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Agus thug iad fear thuige, agus thuirt e riutha. “Cò leis a tha an coltas agus an sgrìobhadh seo?” Agus thuirt iadsan, “Le Cèasar.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Agus thug iad da ionnsaigh i. Agus thubhairt e riu, Cò dom buin an ìomhaigh seo, agus an sgrìobhadh seo? Agus thubhairt iadsan ris, Do Chèasar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Agus thug iad da ionnsaigh i. Agus thubhairt e riu, Cò dom buin an ìomhaigh seo, agus an sgrìobhadh seo? Agus thubhairt iadsan ris, Do Chèasar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

16 Rinn iad sin. Thuirt Iosa riu, “Cò an dealbh agus cò an t‑ainm a tha seo?” “Cèasar,” ars iadsan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Agus thug iad dha i. Us thuirt e riu: Co leis an iomhaigh so, ʼs an sgriobhadh? Thuirt iad ris: Le César.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 12:16
6 Iomraidhean Croise  

Ach, a' tuigsinn an cuid cealgaireachd, thuirt e riutha, “Carson a tha sibh gam bhuaireadh? Thoiribh thugam bonn airgid agus leigibh leam coimhead air.”


Thuirt Ìosa riutha, “Thugaibh do Chèasar na rudan a tha le Cèasar agus do Dhia na rudan a tha le Dia.” Agus ghabh iad iongnadh ris.


Ach tha bunait dhaingeann Dhè a' seasamh, agus an seula seo aice: “Is aithne dhan Tighearna iadsan a tha leis fhèin,” agus “A h‑uile neach a dh'ainmicheas ainm an Tighearna, fàgadh e neo‑fhìreantachd.”


An neach a bhuadhaicheas, nì mise colbh dheth ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e a‑mach às a chaoidh agus sgrìobhaidh mi airsan ainm mo Dhè agus ainm baile mo Dhè, an t‑Ierusalem ùr, a tha a' tighinn a‑nuas à nèamh om Dhia, agus m' ainm ùr fhèin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan