Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 12:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 Agus bha iad a' sireadh cothrom a chur an grèim ach bha eagal an t‑sluaigh orra, oir thuig iad gum b' ann nan aghaidh fhèin a thuirt e a' chosamhlachd. Mar sin dh'fhàg iad e agus chaidh iad air falbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Agus dh’iarr iad breith air, ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd: agus air fhàgail dhaibh, dh’imich iad romhpa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Agus dh’iarr iad breith air, ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd: agus air fhàgail dhaibh, dh’imich iad romhpa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

12 Dh'fheuch iad ri grèim a dhèanamh air, ach bha eagal orra ron t‑sluagh, oir thuig iad gur ann thuca fhèin a bha e ag iarraidh leis an t‑samhladh. Dh'fhàg iad e agus dh'fhalbh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 Agus dhʼiarr iad a ghlacadh, ach bha eagal an t-sluaigh orra: oir bʼaithne dhaibh gum bʼann muʼn deidhinn fhein a labhair e an dubhfhacal so. Agus ga fhagail, dhʼfhalbh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 12:12
13 Iomraidhean Croise  

Ach ma chanas sinn, ‘O dhaoine,’ tha eagal an t‑sluaigh oirnn, oir tha iad uile a' meas gum b' e fàidh a bh' ann an Eòin.”


Agus nuair a chuala iad seo, ghabh iad iongnadh. Agus dh'fhàg iad e, agus dh'fhalbh iad.


Agus chuala na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean seo agus bha iad ag iarraidh dòigh air a chur gu bàs, oir bha eagal orra uaithe, oir bha an sluagh uile fo mhòr‑iongnadh air sgàth a theagaisg.


Ach nan canamaid, ‘O dhaoine …?’” (Bha eagal an t‑sluaigh orra, oir mheas iad uile gum b' e fàidh dha‑rìribh a bh' ann an Eòin.)


Dh'iarr na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean an làmhan a chur air aig an àm sin fhèin ach bha eagal an t‑sluaigh orra, oir thuig iad gum b' ann nan aghaidh fhèin a dh'abair e a' chosamhlachd seo.


Ma chanas sinn, ‘O dhaoine,’ clachaidh an sluagh uile sinn, oir tha iad deimhinnte gum b' e fàidh a bh' ann an Eòin.”


Mar sin thòisich cuid de mhuinntir Ierusaleim air a ràdh, “Nach e seo esan a tha iad a' feuchainn ri a mharbhadh?


Dh'fheuch iad ri a ghlacadh, ach cha do chuir neach sam bith làmh air, a chionn 's nach robh an uair aige fhathast air tighinn.


Bha cuid dhiubh ag iarraidh a ghlacadh, ach cha do chuir duine sam bith làmh air.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan