Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 12:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Nach do leugh sibh an Sgriobtar seo: “‘A' chlach a dhiùlt na clachairean, chaidh ceann an oisein a dhèanamh dhith;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Nach do leugh sibh an sgriobtar seo? A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh ceann na h‑oisinn dhith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Nach do leugh sibh an sgriobtar seo? A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh ceann na h‑oisinn dhith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

10 Nach do leugh sibh mar a tha e sgrìobhte: ‘An dearbh chlach ris nach gabhadh na clachairean gnothach, sin a' chlach a tha a' cumail nam ballachan ri chèile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Nach do leugh sibh an sgriobtur so: A chlach a dhiult na clachairean, rinneadh clach-chinn na h-oisinn di:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 12:10
17 Iomraidhean Croise  

Agus thuirt e riutha, “Nach do leugh sibh mar a rinn Daibhidh nuair a bha acras air fhèin 's air an fheadhainn a bha còmhla ris,


Fhreagair e, “Nach do leugh sibh, an t‑Aon a chruthaich iad anns an toiseach, ‘rinn e fireann agus boireann iad’


Agus thuirt iad ris, “A bheil thu a' cluinntinn dè a tha iad sin ag ràdh?” Agus thuirt Ìosa riutha, “Tha. Nach do leugh sibhse riamh: ‘A‑mach à beul naoidhean agus chìochran dh'ullaich thu moladh’?”


Thuirt Ìosa riutha, “Nach do leugh sibh riamh anns na Sgriobtaran: “‘A' chlach a dhiùlt na clachairean, chaidh ceann an oisein a dhèanamh dhith; chaidh seo a dhèanamh leis an Tighearna, agus is iongantach e nar sùilean‑ne’?


Ach a‑thaobh aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an rud sin a chaidh a ràdh ribh le Dia,


Ach a thaobh nam marbh a bhith air an togail, nach do leugh sibh ann an leabhar Mhaois, sa chunntas mun phreas, mar a bhruidhinn Dia ris, ag ràdh, ‘Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Ìsaaic, agus Dia Iàcoib’?


“Dè a nì am fear leis an robh am fìon‑lios? Thig e agus sgriosaidh e na tuathanaich agus bheir e am fìon‑lios do dh'fheadhainn eile.


“Ach nuair a chì sibh ‘gràinealachd an lèir‑sgrios’ na seasamh far nach bu chòir dhi a bhith (tuigeadh an leughadair), an uair sin teicheadh iadsan a th' ann an Iudèa gu na beanntan.


Thuirt e riutha, “Nach do leugh sibhse riamh mar a rinn Daibhidh nuair a bha e ann an dìth, agus acras air fhèin agus orrasan a bha còmhla ris?


Agus fhreagair Ìosa iad, “Nach do leugh sibhse an rud a rinn Daibhidh, nuair a bha acras air fhèin is orrasan a bha còmhla ris:


Mar a tha e sgrìobhte: “Seall, tha mi a' cur ann an Sion ceap‑tuislidh, agus creag oilbheim; agus ge b' e cò a chreideas ann, cha bhi e air a nàrachadh.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan