Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 12:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Agus thòisich Ìosa air bruidhinn riutha ann an cosamhlachdan: “Chuir duine fìon‑lios, agus chuir e balla timcheall air agus chladhaich e amar‑fìona, agus thog e tùr; agus thug e air mhàl do thuathanaich e agus dh'fhàg e an dùthaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thòisich e air labhairt riu ann an cosamhlachdan. Shuidhich duine àraidh fìonlios, agus chuir e gàrradh mun cuairt air, agus chladhaich e ionad-bruthaidh nam fìondhearc, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e, agus ghabh e a thuras as a dhùthaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus thòisich e air labhairt riu ann an cosamhlachdan. Shuidhich duine àraidh fìonlios, agus chuir e gàrradh mun cuairt air, agus chladhaich e ionad‐bruthaidh nam fìondhearc, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e, agus ghabh e a thuras as a dhùthaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

1 Agus thòisich e a' bruidhinn ann an samhlaidhean. Thuirt e riu, “Bha siod ann duine a rinn fìon-lios ùr. Thog e balla timcheall oirre. Chladhaich e an‑uairsin toll-bruthaidh agus thog e tùr-faire. An dèidh sin thug e an lios air aonta do thuathanaich, agus dh'fhalbh e‑fhèin air turas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Us thòisich e ri labhairt riu ann an dubhfhacail: Phlanntaich duine araid fion-lios, us chuir e gàradh; mu thimchioll, us chladhaich e amar-fiona, us thog e tùr, us shuidhich e air tuath e, us dhʼfhalbh e gu tir chein.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 12:1
38 Iomraidhean Croise  

Agus dh'innis e mòran rudan dhaibh ann an cosamhlachdan, ag ràdh: “Seallaibh, chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur sìl


“Dè ur beachd‑se? Bha dithis mhac aig duine, agus thàinig e chun a' chiad mhac, agus thuirt e, ‘A mhic, thalla, dèan obair an‑diugh san fhìon‑lios.’


“Èistibh ri cosamhlachd eile. Bha maighstir‑taighe ann, a chuir fìon‑lios, agus chuir e balla timcheall air agus chladhaich e amar‑fìona, agus thog e tùr; agus thug e air mhàl do thuathanaich e agus dh'fhàg e an dùthaich.


Nuair a thàinig àm an fhogharaidh, chuir e a sheirbheisich gu na tuathanaich airson an toradh aige fhaighinn.


“Oir bidh e coltach ri duine a' dol air turas, a ghairm a sheirbheisich fhèin agus a dh'earb a sheilbh dhaibh.


Mar sin fhreagair iad Ìosa, “Chan eil fios againn.” Agus thuirt Ìosa riutha, “Cha mhotha a dh'innseas mise dhuibhse dè an t‑ùghdarras a th' agamsa airson nan rudan seo a dhèanamh.”


Tha e coltach ri duine a' dol air turas, nuair a dh'fhàgas e a thaigh fhèin agus a bheir e ùghdarras dha sheirbheisich, is obair fhèin do gach neach, agus a bheir e àithne dhan dorsair faire a dhèanamh.


Agus ghairm e thuige iad agus thuirt e riutha ann an cosamhlachdan, “Ciamar as urrainn dhan t‑Sàtan an Sàtan a thilgeil a‑mach?


Agus bha e a' teagasg mòran rudan dhaibh ann an cosamhlachdan, agus na theagasg thuirt e riutha,


“Beagan làithean às dèidh sin, chruinnich am mac a b' òige a chuid gu lèir, agus chaidh e air turas do dhùthaich fhad' às agus an sin chaith e a mhaoin air beatha stròdhail.


Mar sin thuirt e, “Chaidh duine uasal do dhùthaich fad' às, airson rìoghachd fhaighinn dha fhèin, agus tilleadh air ais.


Dh'fhaighnich iad dha, “Càit am bu toigh leat gun ullaicheamaid i?”


Thuirt e, “Chaidh a thoirt dhuibhse eòlas a bhith agaibh air dìomhaireachdan rìoghachd Dhè, ach dhan a' chòrr tha iad sin ann an cosamhlachdan, airson 's, ‘a' faicinn, nach fhaiceadh iad; agus a' cluinntinn, nach tuigeadh iad.’


Is e seo am fear a bha sa choitheanal san fhàsach còmhla ris an aingeal a bhruidhinn aig Beinn Shinài ris agus ri ar n‑athraichean; agus fhuair e briathran beò airson an toirt dhuinne.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan