Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 11:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Agus bha iadsan a bha a' dol air thoiseach, 's iadsan a bha a' leantainn ag èigheach, “Hosanna!” “Is beannaichte esan a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna!”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus ghlaodh iadsan a bha ag imeachd roimhe, agus iadsan a bha ga leantainn, ag ràdh, Hosanna, is beannaichte an tì a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus ghlaodh iadsan a bha ag imeachd roimhe, agus iadsan a bha ga leantainn, ag ràdh, Hosanna, is beannaichte an tì a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

9 Bha feadhainn a' dol air thoiseach air agus feadhainn a' tighinn ás a dhèidh, 's iad ag eubhach, “Hosana! Beannachd air an fhear a tha tighinn ann an ainm an Tighearna!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Agus ghlaodh an fheadhainn a chaidh roimhe, ʼsa lean e, a g-radh: Hosanna:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 11:9
7 Iomraidhean Croise  

Agus bha an sluagh a chaidh air thoiseach air agus a lean e ag èigheach: “Hosanna do Mhac Dhaibhidh! ‘Is beannaichte esan a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna!’ Hosanna anns na h‑àrdan!”


Oir tha mi ag ràdh ribh, nach fhaic sibh mise tuilleadh gus an can sibh, ‘Is beannaichte Esan a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna.’”


Agus sgaoil mòran an t‑aodach uachdar aca air an rathad, agus sgaoil feadhainn eile geugan duilleagach a bha iad air a ghearradh bho na h‑achaidhean.


Ghlac iad geugan pailme, agus chaidh iad a‑mach ga choinneachadh, ag èigheach, “Hosanna!” “Is beannaichte esan a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna!” “Rìgh Israeil!”


Ach dh'èigh iadsan a‑mach, “Air falbh leis, air falbh leis, ceus e!” Thuirt Pìlat riutha, “An ceus mi ur Rìgh‑se?” Fhreagair na h‑àrd‑shagartan, “Chan eil rìgh againne ach Cèasar.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan