Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 11:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Ma chanas neach sam bith ribh, ‘Carson a tha sibh a' dèanamh seo?’ canaibh ris, ‘Tha feum aig an Tighearna air agus cuiridh e air ais an seo sa bhad e.’”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus ma their neach air bith ribh, Carson a tha sibh a’ dèanamh seo? Abraibh gu bheil feum aig an Tighearna air; agus air ball cuiridh e an seo e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus ma their neach air bith ribh, Carson a tha sibh a’ dèanamh seo? Abraibh gu bheil feum aig an Tighearna air; agus air ball cuiridh e an seo e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

3 Ma dh'fhaighnicheas duine sam bith carson a tha sibh a' dèanamh seo, their sibh ris gu bheil feum aig an Tighearna air 's gun cuir e air ais e gun dàil.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Agus ma their duine air bith ribh: Ciod tha sibh a dianamh? abraibh, gu bheil feum aig an Tighearna air: us leigidh e an so e san uair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 11:3
11 Iomraidhean Croise  

agus thuirt e riutha, “Thallaibh dhan bhaile mur coinneamh, agus cho luath 's a thèid sibh a‑steach ann gheibh sibh searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh. Fuasglaibh e agus thoiribh an seo e.


Dh'fhalbh iad agus fhuair iad searrach ceangailte aig doras, a‑muigh air an t‑sràid. Agus fhad 's a bha iad ga fhuasgladh,


Agus seallaidh esan dhuibh seòmar mòr, shuas an staidhre, uidheamaichte is deiseil; an sin ullaichibh air ar son.”


Agus rinn iad ùrnaigh is thuirt iad, “Thusa, a Thighearna, dhan aithne cridheachan nan uile, seall gu soilleir cò am fear dhen dithis seo a thagh thu


Chuir e am facal gu clann Israeil, a' searmonachadh deagh sgeul na sìthe tro Ìosa Crìosd, as e Tighearna nan uile.


Cha mhotha a tha seirbheis air a dèanamh dha le làmhan dhaoine, mar gum biodh dìth sam bith air, on a tha e fhèin a' toirt beatha agus anail agus a h‑uile rud dha na h‑uile.


Oir is aithne dhuibh gràs ar Tighearna Ìosa Crìosd, ged a bha e saidhbhir, a dh'aindeoin sin gun deach a dhèanamh bochd air ur son‑se, airson 's gum fàsadh sibhse saidhbhir tro a bhochdainn‑san.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan