Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 11:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 agus thuirt e riutha, “Thallaibh dhan bhaile mur coinneamh, agus cho luath 's a thèid sibh a‑steach ann gheibh sibh searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh. Fuasglaibh e agus thoiribh an seo e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus thubhairt e riu, Rachaibh don bhaile ud thall far comhair; agus air ball nuair a thèid sibh a‑steach ann, gheibh sibh searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh; fuasglaibh e, agus thugaibh leibh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus thubhairt e riu, Rachaibh don bhaile ud thall far comhair; agus air ball nuair a thèid sibh a‑steach ann, gheibh sibh searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh; fuasglaibh e, agus thugaibh leibh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 'S thuirt e riu, “Falbhaibh dhan bhaile a tha mur coinneamh, 's cho luath 's a thèid sibh a‑steach ann, lorgaidh sibh asal òg 's e air a cheangal. Cha robh duine riamh ga mharcachd. Fuasglaibh e 's thoiribh thugam e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Us thuirt e riu: Siubhlaibh doʼn bhaile a tha muʼr coinneamh, agus air ball a dol a stigh ann, gheobh sibh bioraiche an ceangal, air nach do shuidh duine riamh: fuasglaibh us thugaibh an so e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 11:2
4 Iomraidhean Croise  

Nuair a thàinig iad faisg air Ierusalem, air Betphage agus Betani, aig Beinn nan Crann‑Ola, chuir Ìosa air falbh dithis dhe dheisciobail,


Ma chanas neach sam bith ribh, ‘Carson a tha sibh a' dèanamh seo?’ canaibh ris, ‘Tha feum aig an Tighearna air agus cuiridh e air ais an seo sa bhad e.’”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan