Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 11:18 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

18 Agus chuala na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean seo agus bha iad ag iarraidh dòigh air a chur gu bàs, oir bha eagal orra uaithe, oir bha an sluagh uile fo mhòr‑iongnadh air sgàth a theagaisg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Agus chuala na sgrìobhaichean agus na h‑àrd-shagartan seo, agus dh’iarr iad cionnas a dh’fhaodadh iad esan a mhilleadh: oir bha a eagal-san orra, do bhrìgh gu robh an sluagh uile fo iongantas mòr ra theagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Agus chuala na sgrìobhaichean agus na h‑àrd‐shagartan seo, agus dh’iarr iad cionnas a dh’fhaodadh iad esan a mhilleadh: oir bha a eagal‐san orra, do bhrìgh gu robh an sluagh uile fo iongantas mòr ra theagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

18 Chuala na h‑àrd-shagairt 's na sgrìobhaichean seo, 's bha iad a' feuchainn ri dòigh fhaighinn air cur ás dha. Bha eagal orra roimhe a chionns gun robh a theagasg a' cur ioghnadh mòr air a h‑uile duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

18 Agus nuair chuala na h-ard-shagairt ʼs na Sgriobhaich so, dhʼiarr iad ciamar a dhʼfhaodadh iad cur as da: oir bha eagal aca roimhe, a chionn gun robh an sluagh uile a gabhail ioghnaidh ri theagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 11:18
26 Iomraidhean Croise  

Ach nuair a chunnaic na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean na rudan iongantach a rinn e, agus a' chlann ag èigheach a‑mach san teampall ag ràdh, “Hosanna do Mhac Dhaibhidh!” bha iad feargach.


Agus nuair a chrìochnaich Ìosa na briathran seo, ghabh na slòigh iongnadh ri theagasg‑san,


Agus bha iad fo iongnadh mu a theagasg‑san, oir theagaisg e mar neach aig an robh ùghdarras, agus cha b' ann mar na sgrìobhaichean.


Ach nan canamaid, ‘O dhaoine …?’” (Bha eagal an t‑sluaigh orra, oir mheas iad uile gum b' e fàidh dha‑rìribh a bh' ann an Eòin.)


Agus bha iad a' sireadh cothrom a chur an grèim ach bha eagal an t‑sluaigh orra, oir thuig iad gum b' ann nan aghaidh fhèin a thuirt e a' chosamhlachd. Mar sin dh'fhàg iad e agus chaidh iad air falbh.


Sa bhad chaidh na Pharasaich a‑mach còmhla ri na Heròdianaich agus bha iad a' gabhail comhairle le chèile na aghaidh‑san mu mar a sgriosadh iad e.


oir bha eagal air Herod o Eòin, a chionn 's gun robh fios aige gum b' e duine ionraic is naomh a bh' ann, agus chùm e sàbhailte e. Nuair a chuala Herod e, bha e fo imcheist mhòr, ach chòrd e ris èisteachd ris.


Agus bha e a' teagasg gach latha anns an teampall. Bha na h‑àrd‑shagartan, na sgrìobhaichean agus ceannardan an t‑sluaigh ag iarraidh a chur gu bàs,


Agus ghabh iadsan uile a chuala e iongnadh air sgàth a thuigse agus a fhreagairtean.


Dh'iarr na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean an làmhan a chur air aig an àm sin fhèin ach bha eagal an t‑sluaigh orra, oir thuig iad gum b' ann nan aghaidh fhèin a dh'abair e a' chosamhlachd seo.


Agus bhruidhinn iad uile gu math ma dheidhinn is ghabh iad iongnadh mu na faclan gràsmhor a bha a' tighinn a‑mach às a bheul. Agus thuirt iad, “Nach e seo mac Iòsaiph?”


Às dèidh seo, bha Ìosa a' dol mun cuairt ann an Galile. Oir cha robh e airson a dhol mun cuairt ann an Iudèa a chionn 's gun robh na h‑Iùdhaich ag iarraidh a mharbhadh.


Nach tug Maois an lagh dhuibh? Agus fhathast chan eil aon neach agaibh a' coileanadh an lagha. Carson a tha sibh a' feuchainn ri mise a mharbhadh?”


Fhreagair na seirbheisich, “Cha do bhruidhinn neach sam bith riamh mar an duine seo.”


Agus fhad 's a reusanaich esan mu fhìreantachd is mu fhèin‑smachdachadh is mun bhreitheanas a tha ri thighinn, ghabh Felics eagal mòr, agus thuirt e, “Thalla an‑dràsda. Nuair a gheibh mi cothrom cuiridh mi fios ort.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan