Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 11:13 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

13 A' faicinn o fhad' às craobh‑fhìge air an robh duilleach, chaidh e a dh'fhaicinn an lorgadh e rud sam bith oirre. Nuair a thàinig e thuice, cha do lorg e rud sam bith ach duilleach, oir cha b' e an t‑àm airson fìgean a bh' ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Agus air faicinn craoibh-fhìge fada uaithe air an robh duilleach, thàinig e a dh’fheuchainn am faigheadh e nì sam bith oirre: agus air dha teachd da h‑ionnsaigh, cha d’fhuair e nì sam bith ach duilleach; oir cha robh àm tional nam fìgean fhathast ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Agus air faicinn craoibh‐fhìge fada uaithe air an robh duilleach, thàinig e a dh’fheuchainn am faigheadh e nì sam bith oirre: agus air dha teachd da h‑ionnsaigh, cha d’fhuair e nì sam bith ach duilleach; oir cha robh àm tional nam fìgean fhathast ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

13 Astar bhuaithe chunnaic e craobh-fhìge 's i fo dhuilleach. Chaidh e a dh'fhaicinn am faigheadh e dad oirre, ach cha d'fhuair e nì ach duilleach, oir cha robh àm nam fìgean ann fhathast.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

13 ʼS nuair a chunnaic e fad as craobh-fhige air an robh duilleach, thainig e fiach am faigheadh e ma dhʼ fhaoidte dad oirre; ʼs nuair a rainig e i, cha dʼfhuair e ni ach duilleagan: oir cha robh àm nam figis ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 11:13
10 Iomraidhean Croise  

Agus a' faicinn craobh‑fhìge ri taobh an rathaid, chaidh e thuice agus cha d' fhuair e rud sam bith oirre, ach duilleach a‑mhàin. Agus thuirt e rithe, “Na leigeadh gum fàsadh toradh gu bràth tuilleadh ort!” Agus sa bhad chrìon a' chraobh‑fhìge às.


An ath latha, nuair a thàinig iad a‑mach à Betani, bha Ìosa acrach.


Agus thuirt e rithe, “Na itheadh neach sam bith toradh dhìotsa gu bràth tuilleadh.” Agus chuala a dheisciobail e.


Thachair gun robh sagart a' dol sìos an rathad sin, agus nuair a chunnaic e e, ghabh e seachad air an taobh eile.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan