Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 11:11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 Chaidh Ìosa a‑steach a dh'Ierusalem, agus dhan teampall. Nuair a bha e air coimhead mun cuairt air a h‑uile rud, on a bha an uair mu thràth anmoch, chaidh e a‑mach gu Betani còmhla ris an dà fhear dheug.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Agus chaidh Iosa a‑steach do Ierusalem, agus don teampall; agus nuair a dh’amhairc e air gach nì mun cuairt, agus a bha am feasgar a‑nis air teachd, chaidh e a‑mach gu Betani maille ris an dà‑fhear-dheug.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Agus chaidh Iosa a‑steach do Ierusalem, agus don teampall; agus nuair a dh’amhairc e air gach nì mun cuairt, agus a bha am feasgar a‑nis air teachd, chaidh e a‑mach gu Betani maille ris an dà‑fhear‐dheug.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

11 Nuair a ràinig e Ierusalem, chaidh e a‑steach dhan teampall, 's sheall e man cuairt air gach nì. On a bha e nise a' fàs anmoch, chaidh e a‑mach a Bhetani còmhla ris an dà fhear dheug.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 Us chaidh e stigh do Ierusalem thun an teampuill; ʼs an deigh amharc air gach ni mun cuairt, bho na bhaʼm feasgar a nis ann, chaidh e gu Betania maille ris na dhà-dhiag.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 11:11
8 Iomraidhean Croise  

Nuair a thàinig am feasgar, chaidh iad a‑mach às a bhaile.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan