Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 10:52 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

52 Thuirt Ìosa ris, “Thalla, shlànaich do chreideamh thu.” Sa bhad fhuair e a fhradharc air ais, agus lean e air an t‑slighe e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

52 Agus thubhairt Iosa ris, Imich; shlànaich do chreideamh thu. Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e Iosa anns an t‑slighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

52 Agus thubhairt Iosa ris, Imich; shlànaich do chreideamh thu. Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e Iosa anns an t‑slighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

52 Thuirt Iosa ris, “Faodaidh tu falbh: rinn do chreideamh slàn thu.” Anns an dearbh mhionaid fhuair e a fhradharc, agus lean e Iosa air an rathad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

52 Us thuirt Iosa ris: Falbh, rinn do chreideamh slan thu. Agus sa cheart uair chunnaic e, us lean e e air an t-slighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 10:52
22 Iomraidhean Croise  

tha na doill a' faighinn fradhairc, agus na bacaich a' coiseachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a' cluinntinn, na mairbh air an togail suas, agus an soisgeul air a shearmonachadh dha na bochdan.”


An uair sin chaidh duine a thoirt thuige anns an robh deamhan, dall agus balbh, agus shlànaich Ìosa e, leis a' bhuil gun do bhruidhinn an duine balbh is gum faca e.


An uair sin fhreagair Ìosa i, “Ò, a bhoireannaich, is mòr do chreideamh! Biodh e air a dhèanamh dhut mar a tha thu a' miannachadh!” Agus chaidh an nighean a dhèanamh slàn on uair sin fhèin.


Agus thàinig na doill is na bacaich thuige san teampall, agus shlànaich e iad.


Agus shìn Ìosa a‑mach a làmh agus bhean e dha, ag ràdh, “Is miann leam. Bi glan!” Agus anns a' bhad bha an luibhre air a glanadh.


Thionndaidh Ìosa, agus ga faicinn thuirt e, “A nighean, biodh deagh mhisneach agad; shlànaich do chreideamh thu.” Agus sa bhad chaidh am boireannach a dhèanamh slàn on uair sin.


Agus thàinig esan agus rug e air làimh oirre agus thog e suas i. An uair sin dh'fhàg am fiabhras i, agus fhritheil i dhaibh.


Agus thuirt esan rithe, “A nighean, shlànaich do chreideamh thu. Thalla ann an sìth, agus bi slàn od thinneas.”


An uair sin chuir Ìosa a làmhan air a shùilean a‑rithist; agus choimhead e gu geur air, agus fhuair e a fhradharc air ais, is chunnaic e a h‑uile sìon gu soilleir.


Agus thuirt e ris a' bhoireannach, “Shàbhail do chreideamh thu; thalla ann an sìth.”


An uair sin thuirt e riutha, “Ge b' e a ghabhas ris an leanabh seo nam ainm‑sa, tha e a' gabhail riumsa; agus ge b' e a ghabhas riumsa, tha e a' gabhail ris an Aon a chuir a‑mach mi. Oir an neach as lugha a bhios nur measg‑se uile, bidh esan mòr.”


O thoiseach an t‑saoghail cha chualas gun do dh'fhosgail aon neach sùilean duine a rugadh dall.


Thuirt Ìosa, “Is ann airson breitheanais a thàinig mise a‑steach dhan t‑saoghal seo, airson 's gum faiceadh iadsan nach eil a' faicinn, agus airson 's gum biodh iadsan a tha a' faicinn air an dèanamh dall.”


gus an sùilean fhosgladh, airson 's gum faod iad tionndadh o dhorchadas gu solas, o chumhachd Shàtain gu Dia, airson 's gum faod iad mathanas pheacaidhean fhaighinn agus àite am measg na feadhna a th' air an naomhachadh tro chreideamh annamsa.’


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan