Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 10:51 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

51 Agus thuirt Ìosa ris, “Dè a bu toigh leat mise a dhèanamh dhut?” Agus thuirt an duine dall ris, “A Rabònaidh, mo fhradharc fhaighinn air ais.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

51 Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e ris, Ciod as àill leat mise a dhèanamh dhut? Thubhairt an dall ris, A Thighearna, mi a dh’fhaotainn mo fhradhairc.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

51 Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e ris, Ciod as àill leat mise a dhèanamh dhut? Thubhairt an dall ris, A Thighearna, mi a dh’fhaotainn mo fhradhairc.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

51 Dh'fhaighnich Iosa dheth, “Dè tha thu ag iarraidh orm a dhèanamh dhut?” Thuirt an duine dall ris, “A Mhaighistir, 'se gum faighinn mo fhradharc.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

51 Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Ciod is aill leat mi dhianamh dhut? Us thuirt an dall ris: A Rabboni, gum faic mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 10:51
11 Iomraidhean Croise  

agus fàilte fhaighinn anns na margaidhean agus ‘Rabaidh’ a bhith air a ghabhail orra le daoine.


“Ach na biodh ‘Rabaidh’ air a ghabhail oirbhse, oir tha aon fhear‑teagaisg agaibh, agus is e bràithrean a th' annaibh uile.


Mar sin na bithibh‑se coltach riutha, oir tha fios aig ur n‑Athair dè na rudan a tha a dhìth oirbh mus faighnich sibh.


“Iarraibh agus thèid a thoirt dhuibh; siribh agus lorgaidh sibh; gnogaibh agus thèid fhosgladh dhuibh.


Agus thuirt esan riutha, “Dè a tha sibh ag iarraidh a nì mi dhuibh?”


A' tilgeil dheth an aodaich uachdair aige, leum e suas, is thàinig e gu Ìosa.


Thuirt Ìosa rithe, “A Mhàiri.” Thionndaidh ise agus thuirt i ris ann an Eabhra, “A Rabòni!” (a tha a' ciallachadh ‘Fhir‑Teagaisg’).


Rug an t‑àrd‑cheannard air a làimh, agus a' dol gu aon taobh dh'fhaighnich e dha, “Dè a th' agad ri innse dhomh?”


na biodh cùram oirbh mu nì sam bith, ach sa h‑uile sìon, le ùrnaigh is guidhe, cuide ri buidheachas, biodh ur n‑iarrtasan air an dèanamh aithnichte do Dhia.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan