Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 10:40 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

40 ach suidhe air mo làimh dheis no air mo làimh chlì, cha leamsa sin ri bhuileachadh, ach is ann dhaibhsan dhan deach ullachadh a tha e.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

40 Ach suidhe air mo làimh dheis, agus air mo làimh chlì, cha leamsa sin ra thabhairt, ach dhaibhsan don d’ullaicheadh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

40 Ach suidhe air mo làimh dheis, agus air mo làimh chlì, cha leamsa sin ra thabhairt, ach dhaibhsan don d’ullaicheadh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

40 Ach chan e mo ghnothach-sa cead a thoirt suidhe air mo làimh dheis no air mo làimh chlì. Buinidh na h‑àiteachan sin dhan fheadhainn dhan d'ullaich Dia iad.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

40 Ach suidhe air mo laimh dheis, no air mo laimh chli, cha leamsa gu thoirt dhuibh, ach dhaibhse dhaʼn deach uidheamachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 10:40
7 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair e iad, “Chaidh a thoirt dhuibhse eòlas a bhith agaibh air dìomhaireachdan rìoghachd nèimh, ach dhaibhsan cha deach a thoirt.


Thuirt esan riutha, “Òlaidh sibh mo chupa‑sa, ach a bhith a' suidhe air mo làimh dheis agus chlì, cha leamsa sin airson a bhuileachadh, ach tha sin dhaibhsan dham bheil e air ullachadh lem Athair.”


“An uair sin canaidh an Rìgh riuthasan air a làimh dheis, ‘Thigibh, sibhse a tha beannaichte lem Athair‑sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a th' air a deasachadh dhuibh o bhunait an t‑saoghail.


Oir thug thu ùghdarras dha thairis air gach feòil, airson 's gun toireadh e a' bheatha shìorraidh dha na h‑uile a thug thu dha.


“Athair, is miann leam cuideachd gum biodh iadsan a thug thu dhomh còmhla rium far a bheil mise, airson 's gum faiceadh iad mo ghlòir a tha thusa air a thoirt dhomh a chionn 's gun do ghràdhaich thusa mi mus deach bunaitean an t‑saoghail a stèidheachadh.


Thuirt esan riutha, “Cha bhuin e dhuibhse fios a bhith agaibh air na h‑amannan no air na h‑aimsirean a shuidhich an t‑Athair le ùghdarras fhèin.


Ach bha iad a' miannachadh tìr na b' fheàrr, 's e sin, tìr nèamhaidh. Mar sin, chan eil nàire air Dia a bhith air ainmeachadh mar an Dia acasan; oir dh'ullaich esan baile dhaibh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan