Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 10:34 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

34 Nì iadsan magadh air is tilgidh iad smugaid air, agus sgiùrsaidh iad e is cuiridh iad gu bàs e. Agus às dèidh trì latha èiridh e.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

34 Agus nì iad fanaid air, agus sgiùrsaidh iad e, agus tilgidh iad smugaid air, agus cuiridh iad gu bàs e: agus air an treas là èiridh e a‑rìs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

34 Agus nì iad fanaid air, agus sgiùrsaidh iad e, agus tilgidh iad smugaid air, agus cuiridh iad gu bàs e: agus air an treas là èiridh e a‑rìs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

34 Nì iadsan magadh air, a' tilgeil smugaid air, 's ga sgiùrsadh. Marbhaidh iad e, ach èiridh e a‑rithist an ceann trì là.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

34 Us ni iad fanaid air, agus caithidh iad smugaidean air, agus sgiursaidh iad e; agus marbhaidh iad e, agus eiridh e air an treas latha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 10:34
24 Iomraidhean Croise  

On àm sin thòisich Ìosa air sealltainn dha dheisciobail gum feumadh esan a dhol gu Ierusalem agus mòran rudan fhulang o na h‑èildearan, o na h‑àrd‑shagartan is o na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air an treas latha a bhith air a thogail suas.


An uair sin thilg iad smugaidean na aodann agus bhuail iad e. Agus thug feadhainn eile sgailcean dha,


ag ràdh, “A thighearna, tha cuimhn' againn nuair a bha am mealltair ud fhathast beò, gun tuirt e, ‘Às dèidh trì latha èiridh mi.’


Agus shrac an t‑àrd‑shagart aodach‑uachdair, agus thuirt e, “Dè am feum a th' againn tuilleadh air fianaisean?


Agus thòisich cuid air smugaidean a thilgeil air, is air aodann a chòmhdachadh, is air a bhualadh, ag ràdh ris, “Dèan fàidheadaireachd!” Agus ghabh na seirbheisich dha le sgailcean.


oir bha e a' teagasg a dheisciobal, ag ràdh riutha, “Tha Mac an Duine gus a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine, agus marbhaidh iad e. Agus às dèidh dhaibh a mharbhadh, às dèidh trì latha èiridh e a‑rithist.”


An uair sin chuir Herod agus a shaighdearan ann an suarachas e agus rinn iad magadh air. Agus às dèidh a sgeadachadh ann an aodach àlainn, chuir e air ais gu Pìlat e.


Oir chaidh an lagh a thoirt tro Mhaois; ach thàinig gràs agus fìrinn tro Ìosa Crìosd.


agus thuirt e ris, “Tha a h‑uile duine a' tairgsinn an fhìon as fheàrr an toiseach agus às dèidh sin am fìon as miosa nuair a tha iad air gu leòr òl. Ach ghlèidh thusa am fìon as fheàrr thuige seo.”


agus gun deach adhlacadh, is gun do dh'èirich e a‑rithist air an treas latha a rèir nan Sgriobtar


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan