Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 10:23 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

23 Sheall Ìosa mun cuairt, agus thuirt e ri a dheisciobail, “Nach doirbh a bhios e dhaibhsan aig a bheil beairteas a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè!”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

23 Agus air amharc do Iosa mun cuairt, thubhairt e ra dheisciobail, Cia deacair don mhuinntir sin aig a bheil mòr-shaoibhreas dol a‑steach do rìoghachd Dhè!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

23 Agus air amharc do Iosa mun cuairt, thubhairt e ra dheisciobail, Cia deacair don mhuinntir sin aig a bheil mòr‐shaoibhreas dol a‑steach do rìoghachd Dhè!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

23 Thug Iosa sùil man cuairt 's thuirt e ri dheisciobail, “Nach e bhios duilich dhan fheadhainn aig a bheil mòran saoibhreis a dhol a‑steach a rìoghachd Dhè.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

23 Agus Iosa a coimhead mu thimchioll, thuirt e ri dheisciopuil: Nach duilich do dhuine beartach dol a stigh do rioghachd Dhe!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 10:23
13 Iomraidhean Croise  

agus thuirt e, “Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, mura tionndaidh sibh, agus mura fàs sibh coltach ri leanabanan, cha tèid sibh idir a‑steach do rìoghachd nèimh.


Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e cò nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh, gu cinnteach cha tèid e a‑steach innte.”


Ach, dubhach air sgàth an fhacail sin, dh'fhalbh e gu brònach, oir bha mòran saidhbhreis aige.


Sheall e mun cuairt orra le feirg, air a chràdh gu domhainn air sgàth cruas an cridhe, agus thuirt e ris an duine, “Sìn a‑mach do làmh.” Shìn e a‑mach i, agus chaidh a làmh aiseag slàn dha.


Ach choimhead e mun cuairt airson a faicinn‑se a rinn seo.


Choimhead Ìosa air agus thuirt e, “Nach e a tha doirbh dhaibhsan aig a bheil beairteas a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè!


Fhreagair Ìosa, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi neach air a bhreith o uisge agus on Spiorad chan urrainn dha a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè.


Oir smaoinichibh mur gairm, a bhràithrean, cha robh mòran agaibh glic a rèir na feòla, cha robh mòran cumhachdach, cha robh mòran o bhreith uasail.


Èistibh, mo bhràithrean gràdhach! Nach do thagh Dia feadhainn bhochda an t‑saoghail seo gus a bhith beairteach ann an creideamh agus nan oighreachan air rìoghachd Dhè, a gheall e ro‑làimh dhan fheadhainn aig a bheil gràdh dha?


A dhaoine adhaltranacha! Nach eil fios agaibh gu bheil càirdeas ris an t‑saoghal na nàimhdeas do Dhia? Mar sin ge b' e cò a tha ag iarraidh a bhith na charaid dhan t‑saoghal, tha e ga dhèanamh fhèin na nàmhaid do Dhia.


Oir mar sin thèid slighe a‑steach do rìoghachd shìorraidh ar Tighearna 's ar Slànaigheir Ìosa Crìosd, a sholarachadh dhuinn gu saidhbhir.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan