Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 10:22 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

22 Ach, dubhach air sgàth an fhacail sin, dh'fhalbh e gu brònach, oir bha mòran saidhbhreis aige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

22 Agus bha doilgheas airsan airson nam briathran sin, agus dh’fhalbh e gu tùirseach; oir bha mòran saoibhreis aige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

22 Agus bha doilgheas airsan airson nam briathran sin, agus dh’fhalbh e gu tùirseach; oir bha mòran saoibhreis aige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

22 Dh'fhàs an duine dubhach nuair a chuala e seo, agus dh'fhalbh e gu brònach, oir bha e air leth beairteach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

22 Ach bha duilichinn airse as leth an fhacail, us dhʼ fhalbh e gu tuirseach: oir bu duine e aig an robh moran saibhreis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 10:22
20 Iomraidhean Croise  

An sìol a chaidh a chur am measg dhroigheann, is e seo an neach a tha a' cluinntinn an fhacail, ach tha cùram an t‑saoghail agus mealltaireachd beairteis a' tachdadh an fhacail, agus fàsaidh e neo‑thorrach.


Ach nuair a chuala an duine òg am facal sin, dh'fhalbh e gu brònach, oir bha mòran saidhbhreis aige.


An uair sin, nuair a chunnaic Iùdas, a bhrath e, gun deach Ìosa a dhìteadh, dh'atharraich e inntinn agus thug e air ais an trithead bonn airgid dha na h‑àrd‑shagartan agus dha na h‑èildearan,


Agus a' coimhead air, ghràdhaich e e, agus thuirt e, “Tha aon rud a dhìth ort: thalla, reic na th' agad agus thoir dha na bochdan, agus bidh ionmhas agad air nèamh, agus trobhad 's lean mise.”


Sheall Ìosa mun cuairt, agus thuirt e ri a dheisciobail, “Nach doirbh a bhios e dhaibhsan aig a bheil beairteas a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè!”


oir bha eagal air Herod o Eòin, a chionn 's gun robh fios aige gum b' e duine ionraic is naomh a bh' ann, agus chùm e sàbhailte e. Nuair a chuala Herod e, bha e fo imcheist mhòr, ach chòrd e ris èisteachd ris.


Agus bha an rìgh ro dhuilich, ach a thaobh nam mionnan 's air sgàth nan aoighean aige cha robh e ag iarraidh an fhacail aige dhi a bhriseadh.


An uair sin thuirt e ris, “Thoiribh an aire, agus gleidhibh sib' fhèin an aghaidh a h‑uile seòrsa sannt, oir chan ann ann am pailteas a sheilbh a tha beatha neach sam bith.”


Ach nuair a chuala e seo, dh'fhàs e ro bhrònach, oir bha e fìor bheairteach.


Oir tha am bròn a tha diadhaidh a' buileachadh aithreachas a tha gun chaoidh 's a tha a' treòrachadh gu sàbhaladh, ach tha bròn an t‑saoghail a' buileachadh bàs.


Oir tha fios agaibh air a seo, nach eil aig neach‑strìopachais sam bith, no aig neach‑neòghlan no aig neach‑sanntach (a tha na iodhal‑adhradair), oighreachd ann an rìoghachd Chrìosd is Dhè.


Oir thrèig Dèmas mi, a ghràdhaich an saoghal a tha an làthair, agus chaidh e gu Tesalonìca. Chaidh Cresens gu Galàtia. Chaidh Tìtus gu Dalmàtia.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan