Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 10:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Thàinig Pharasaich thuige agus, airson a dhearbhadh, dh'fhaighnich iad, “A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur air falbh?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus thàinig na Pharasaich da ionnsaigh, agus dh’fheòraich iad dheth ga dhearbhadh, A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur air falbh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus thàinig na Pharasaich da ionnsaigh, agus dh’fheòraich iad dheth ga dhearbhadh, A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur air falbh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 Thàinig Pharasaich far an robh e a chur ceist air, 's iad airson fheuchainn. “A bheil e laghail,” ars iadsan, “do dh'fhear-pòsda a bhean a chur bhuaithe?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 ʼS na Phairisich a tighinn ga ionnsuidh, dhʼfharraid iad dheth: Bheil e laghail do dhuine a bhean chur air falbh? ʼs iad ga bhuaireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 10:2
25 Iomraidhean Croise  

An uair sin thàinig na deisciobail agus thuirt iad ris, “A bheil fios agad gun do ghabh na Pharasaich oilbheum nuair a chuala iad am facal ud?”


Agus thàinig na Pharasaich agus na Sadusaich, agus airson Ìosa a dhearbhadh, dh'iarr iad comharra o nèamh air.


Agus thàinig Pharasaich thuige ga dhearbhadh, agus ag ràdh ris, “A bheil e laghail do dhuine a bhean a chur uaithe air adhbhar sam bith?”


Agus chuir aon dhiubh, fear‑lagha, ceist air airson a dhearbhadh:


“Nach truagh dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a bhreug‑chràbhaichean! Oir tha sibh a' dùnadh rìoghachd nèimh ann an aghaidhean dhaoine. Oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus cha leig sibh leis an fheadhainn a tha a' dol a‑steach a dhol ann.


Ach thuirt na Pharasaich, “Tha e a' tilgeil a‑mach dheamhan tro phrionnsa nan deamhan.”


Dh'èirich Ìosa on àite sin agus chaidh e gu ceàrnaidhean Iudèa is thairis air Iòrdan, agus chruinnich slòigh thuige a‑rithist. Agus a‑rithist, mar a b' fhasan dha, theagaisg e iad.


Ach fhreagair esan iad, “Dè a dh'àithn Maois dhiubh?”


Thàinig na Pharasaich agus thòisich iad air argamaid ris, a' sireadh chomharraidh uaithe o nèamh, ga dhearbhadh.


Agus thug e àithne dhaibh, ag ràdh, “Thoiribh an aire, bithibh faiceallach mu thaois ghoirt nam Pharasach, agus mu thaois ghoirt Heroid.”


An uair sin thuirt an Tighearna ris, “A‑nis, sibhse, Pharasacha, glanaidh sibh taobh a‑muigh a' chupa agus na mèise, ach air an taobh a‑staigh tha sibh làn sannt is aingidheachd.


Chuala na Pharasaich, aig an robh gràdh air airgead, na rudan sin uile, agus rinn iad magadh air.


Agus rinn na Pharasaich is na sgrìobhaichean aca gearain an aghaidh a dheisciobal‑san, ag ràdh, “Carson a tha sibh ag ithe agus ag òl còmhla ri cìs‑mhaoir agus ri peacaich?”


Rinn na sgrìobhaichean agus na Pharasaich faire air, airson faicinn an leighiseadh e air an t‑Sàbaid, gus am faigheadh iad adhbhar airson casaid a chur na aghaidh.


Ach dhiùlt na Pharasaich agus an luchd‑lagha rùn Dhè air an son fhèin, a chionn 's nach deach am baisteadh leis.)


Mar sin chruinnich na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich an Comhairle, agus dh'fhaighnich iad, “Dè a nì sinn? Oir tha an duine seo a' dèanamh mòran chomharraidhean mìorbhaileach.


A‑nis bha na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich air àithntean a thoirt seachad, nam biodh fios aig neach sam bith càit an robh e, gun innseadh e dhaibh e, airson 's gun glacadh iad e.


Chuala na Pharasaich an sluagh a' borbhanaich nan rudan seo ma dheidhinn; agus chuir na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich seirbheisich an teampaill airson a ghlacadh.


Cha do chreid aon sam bith dhe na riaghladairean, no dhe na Pharasaich ann, an do chreid?


Thuirt iad seo airson a dhearbhadh, airson 's gum biodh cùis‑chasaid aca na aghaidh. Ach chrom Ìosa sìos agus sgrìobh e le a chorraig air an talamh.


Chan fhaod sinn Crìosd a bhuaireadh, mar a rinn cuid dhiubhsan agus a chaidh an sgrios le nathraichean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan