Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 10:18 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

18 Agus thuirt Ìosa ris, “Carson a tha thu a' gabhail math ormsa? Chan eil neach sam bith math ach Dia a‑mhàin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Agus thubhairt Iosa ris, Carson a ghoireas tu math dhìomsa? Chan eil neach sam bith math ach a h‑aon, is e sin Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Agus thubhairt Iosa ris, Carson a ghoireas tu math dhìomsa? Chan eil neach sam bith math ach a h‑aon, is e sin Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

18 Thuirt Iosa ris, “Carson a tha thu ag ràdh gu bheil mise math? 'Se Dia a‑mhàin a tha math.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

18 Us thuirt Iosa ris: Car-son a tha thu cantuinn math riumsa? cha n-eil aon air bith math, ach Dia ʼna aonar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 10:18
14 Iomraidhean Croise  

Agus thuirt esan ris, “Carson a tha thu a' faighneachd dhòmhsa mu na tha math? Chan eil ann ach an t‑Aon a tha math. Mas e do thoil a dhol a‑steach dhan bheatha, cùm na h‑àitheantan.”


Fhad 's a bha e a' tòisicheadh air a shlighe, ruith duine suas thuige agus chaidh e sìos air a ghlùinean ma choinneamh, agus dh'fhaighnich e dha, “Fhir‑Teagaisg mhaith, dè a dh'fheumas mi a dhèanamh airson 's gun sealbhaich mi a' bheatha shìorraidh?”


Is aithne dhut na h‑àitheantan: ‘Na dèan murt, na dèan adhaltranas, na goid, na toir fianais‑bhrèige, na dèan foill, thoir urram dhad athair agus dhad mhàthair.’”


Thuirt Ìosa ris, “Carson a tha thu a' gabhail math ormsa? Chan eil neach sam bith math ach Dia a‑mhàin.


Tha a h‑uile neach air tionndadh gu aon taobh; còmhla tha iad air fàs gun luach; chan eil neach sam bith ann a tha a' dèanamh maith, chan eil fiù 's a h‑aon.”


Tha gach deagh ghibht is gach gibht coileanta o shuas, a' tighinn a‑nuas bho Athair nan solas, anns nach eil fiaradh no sgàil atharrachaidh.


Agus tha fios againn air agus tha sinn air creidsinn anns a' ghràdh a th' aig Dia air ar son. Is gràdh Dia. Agus esan a tha a' fantainn ann an gràdh, tha e a' fantainn ann an Dia agus Dia a' fantainn annsan.


An neach aig nach eil gràdh, chan eil eòlas aige air Dia a chionn 's gur gràdh Dia.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan