Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 10:14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

14 Ach nuair a chunnaic Ìosa seo bha e diombach agus thuirt e riutha, “Leigibh le na leanabanan tighinn thugamsa; na cuiribh bacadh orra, oir is ann dhen leithidean seo a tha rìoghachd Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Ach nuair a chunnaic Iosa sin, bha e ro‑dhiombach, agus thubhairt e riu, Leigibh do na leanaban teachd am ionnsaigh, agus na bacaibh iad: oir is ann dan leithidean a tha rìoghachd Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Ach nuair a chunnaic Iosa sin, bha e ro‑dhiombach, agus thubhairt e riu, Leigibh do na leanaban teachd am ionnsaigh, agus na bacaibh iad: oir is ann dan leithidean a tha rìoghachd Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

14 Nuair a chunnaic Iosa seo, dh'fhàs e feargach 's thuirt e, “Leigibh leis a' chloinn tighinn thugam 's na cuiribh bacadh orra, oir is ann dhan leithid-san a bhuineas rìoghachd Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

14 Nuair chunnaic Iosa iad, ghabh e gu h-olc e, us thuirt e riu: Leigibh le cloinn bhig tighinn gam ionnsuidhse, agus na bacaibh iad: ʼs gur ann dha ʼn leithidean a bhuineas rioghachd Dhe:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 10:14
36 Iomraidhean Croise  

Ach thuirt Ìosa, “Leigibh le na leanabanan, agus na cuiribh bacadh orra on a bhith a' tighinn thugam, oir is ann dhen leithidean sin a tha rìoghachd nèimh.”


“Thugaibh an aire nach dèan sibh tàir air aon dhen fheadhainn bhig seo. Oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an ainglean‑san ann an nèamh an‑còmhnaidh a' faicinn aghaidh m' Athar‑sa a tha ann an nèamh.


Mar sin, ge b' e a dh'ìslicheas e fhèin mar an leanaban seo, is e as motha ann an rìoghachd nèimh.


Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, miannaichibh bainne spioradail fìor‑ghlan, gus am fàs sibh ann an sàbhalaidh leis,


agus gu bheil fios agad od òige air na Sgriobtaran naomha a tha comasach air do dhèanamh glic airson slàinte, tro chreideamh ann an Crìosd Ìosa.


Agus nam beul cha robh breug ri lorg; tha iad gun choire.


Tha mi a' cuimhneachadh ort nad chreideimh a tha gun cheilg, a ghabh còmhnaidh an toiseach nad sheanmhair, Lois, agus nad mhàthair, Eunice, agus a tha mi air dearbhadh fhaighinn a th' annadsa cuideachd.


“Bithibh feargach 's na peacaichibh”, na leigibh leis a' ghrèin a dhol fodha air ur corraich,


A bhràithrean, na bithibh nur leanabanan nur smaoineachadh; a dh'aindeoin sin bithibh nur leanabanan ann am mì‑rùn, ach ann an tuigse bithibh nur n‑inbhich.


Oir tha am fear‑pòsta eas‑creidmheach air a dhèanamh naomh leis a' bhean‑phòsta, agus tha a' bhean‑phòsta eas‑creidmheach air a dèanamh naomh le a fear‑pòsta. Oir air a chaochladh, bhiodh ur clann neòghlan, ach mar a tha e, tha iad naomh.


A thaobh an t‑soisgeil, tha iad nan nàimhdean air ur sgàth‑se. Ach a thaobh an taghaidh, tha iad gràdhaichte air sgàth nan athraichean;


Ma tha a' chiad chuid dhen taois a th' air a tairgsinn, naomh, tha 's an cnap gu lèir, agus ma tha am freumh naomh, tha 's na geugan cuideachd.


Is sibhse clann nam fàidhean agus a' chùmhnaint a rinn Dia ri ur n‑athraichean, ag ràdh ri Abrahàm, ‘Agus nad shliochd‑sa bidh uile theaghlaichean na talmhainn air am beannachadh.’


Oir tha an gealladh dhuibhse agus dhur cloinn agus dha na h‑uile a tha fad' às, na h‑uiread 's a ghairmeas an Tighearna ar Dia thuige fhèin.”


Ach a' tionndadh agus a' faicinn a dheisciobal, chronaich e Peadar, ag ràdh, “Thalla gu mo chùlaibh, a Shàtain! Oir chan eil thu a' smaoineachadh mu rudan Dhè, ach mu rudan dhaoine.”


Sheall e mun cuairt orra le feirg, air a chràdh gu domhainn air sgàth cruas an cridhe, agus thuirt e ris an duine, “Sìn a‑mach do làmh.” Shìn e a‑mach i, agus chaidh a làmh aiseag slàn dha.


“Is beannaichte iadsan a tha bochd nan spiorad, oir is leotha rìoghachd nèimh.


Is beannaichte an fheadhainn a tha a' fulang geur‑leanmhainn air sgàth fìreantachd, oir is leothasan rìoghachd nèimh.


Fhreagair Ìosa e, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi neach air a bhreith a‑rithist, chan urrainn dha rìoghachd Dhè fhaicinn.”


Fhreagair Ìosa, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi neach air a bhreith o uisge agus on Spiorad chan urrainn dha a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan