Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 10:11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 Agus thuirt e riutha, “Ge b' e cò a chuireas air falbh a bhean agus a phòsas tèile, tha e a' dèanamh adhaltranais na h‑aghaidh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Agus thubhairt e riu, Ge bè neach a chuireas air falbh a bhean fhèin, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais na h‑aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Agus thubhairt e riu, Ge bè neach a chuireas air falbh a bhean fhèin, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais na h‑aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

11 Thuirt e riu, “Ma chuireas fear-pòsda sam bith a bhean bhuaithe agus ma phòsas e bean eile, tha e a' dèanamh adhaltranais an aghaidh na ceud tè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 Us thuirt e riu: Co sam bith a chuireas air falbh a bhean, ʼsa phosas té eile, tha e dianamh adhaltrais na h-aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 10:11
9 Iomraidhean Croise  

Agus tha mise ag ràdh ribh, ge b' e a chuireas uaithe a bhean, ach airson strìopachais, agus a phòsas bean eile, tha e a' dèanamh adhaltranais.”


Agus san taigh dh'fhaighnich na deisciobail dha mu dheidhinn seo a‑rithist.


“Gach neach a chuireas uaithe a bhean agus a phòsas bean eile, tha e a' dèanamh adhaltranais, agus ge b' e neach a phòsas a' bhean a chaidh a chur air falbh o a fear, tha e a' dèanamh adhaltranais.


Mar sin, thèid ban‑adhaltranach a ghabhail oirre ma dh'fhuiricheas i còmhla ri duine eile fhad 's a tha a fear‑pòsta beò. Ach ma bhàsaicheas a fear‑pòsta, tha i saor on lagh, agus ma phòsas i fear eile chan e ban‑adhaltranach a th' innte.


Oir chan eil ùghdarras aig a' bhean thairis air a corp fhèin, ach aig an fhear‑pòsta. Mar sin cuideachd chan eil ùghdarras aig an fhear‑pòsta thairis air a chorp fhèin, ach aig a' bhean‑phòsta.


Biodh urram aig na h‑uile dhan phòsadh agus chan eil an leabaidh‑pòsaidh ri bhith air a truailleadh, oir nì Dia breitheanas air luchd‑strìopachais agus luchd‑adhaltranais.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan