Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 10:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Dh'èirich Ìosa on àite sin agus chaidh e gu ceàrnaidhean Iudèa is thairis air Iòrdan, agus chruinnich slòigh thuige a‑rithist. Agus a‑rithist, mar a b' fhasan dha, theagaisg e iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus air èirigh dha as a sin, thàinig e gu crìochan Iudèa tron dùthaich a tha air an taobh thall de Iòrdan: agus thàinig slòigh da ionnsaigh a‑rìs; agus mar bu ghnàth leis, theagaisg e iad a‑rìs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus air èirigh dha as a sin, thàinig e gu crìochan Iudèa tron dùthaich a tha air an taobh thall de Iòrdan: agus thàinig slòigh da ionnsaigh a‑rìs; agus mar bu ghnàth leis, theagaisg e iad a‑rìs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

1 Nuair a dh'fhalbh e ás a sin, thàinig e gu Iudèa air taobh thall Iòrdain. Chruinnich mòran dhaoine thuige 's thòisich e air an teagasg, mar a chleachd e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 ʼSa g-eirigh as a sin, thainig e gu criochan Iudéa air taobh thall Iordain; agus chruinnich sluagh a rithist ga ionnsuidh; agus mar a bʼabhuist da, theagaisg e rithist iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 10:1
17 Iomraidhean Croise  

Aig an àm sin thuirt Ìosa ris an t‑sluagh, “An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le cuaillean gam ghlacadh‑sa mar gum b' e gadaiche a bh' annam? Shuidh mi gach latha san teampall a' teagasg, agus cha do ghlac sibh mi.


Agus bha e a' dol tro Ghalile uile, a' teagasg anns na sionagogan aca is a' searmonachadh soisgeul na rìoghachd agus a' slànachadh gach gnè tinneis is gach gnè bochdainn am measg an t‑sluaigh.


Agus chaidh iad a‑steach do Chapernàum agus sa bhad air an t‑Sàbaid chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog agus bha e a' teagasg.


Thàinig Pharasaich thuige agus, airson a dhearbhadh, dh'fhaighnich iad, “A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur air falbh?”


Agus fhad 's a theagaisg Ìosa san teampall thuirt e, “Ciamar as urrainn dha na sgrìobhaichean a ràdh gur e an Crìosd Mac Dhaibhidh?


Bha mi còmhla ribh gach latha san teampall a' teagasg, agus cha do ghlac sibh mi. Ach biodh na Sgriobtairean air an coileanadh.”


Chaidh e a‑mach a‑rithist ri taobh na mara. Bha an sluagh gu lèir a' tighinn thuige, agus bha e gan teagasg.


Agus bha e a' teagasg mòran rudan dhaibh ann an cosamhlachdan, agus na theagasg thuirt e riutha,


Agus nuair a thàinig an t‑Sàbaid, thòisich e air teagasg san t‑sionagog, agus ghabh mòran iongnadh nuair a chuala iad e, ag ràdh, “Cò às a fhuair am fear seo na rudan seo? Dè an gliocas seo a chaidh a thoirt dha, 's gu bheil a leithid seo de dh'obraichean cumhachdach air an dèanamh le a làmhan?


Nuair a chaidh e air tìr chunnaic e sluagh mòr, agus bha truas aige riutha, a chionn 's gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaille. Agus thòisich e air mòran rudan a theagasg dhaibh.


Agus ghabh e iongnadh mun eas‑creideamh. An uair sin chaidh e timcheall nam bailtean a' teagasg.


Agus chaidh e a‑rithist thar Iòrdain, dhan àite far an robh Eòin air a bhith a' baisteadh an toiseach, agus dh'fhuirich e an sin.


Às dèidh sin, thuirt e ri a dheisciobail, “Rachamaid a‑rithist a dh'Iudèa.”


Fhreagair Ìosa e, “Tha mise air bruidhinn gu follaiseach ris an t‑saoghal. Tha mi an‑còmhnaidh air teagasg anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far am bi na h‑Iùdhaich gu lèir a' tighinn còmhla. Agus cha tuirt mi rud sam bith gu dìomhair.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan