Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Anns na làithean sin thàinig Ìosa o Nàsaret Ghalile agus chaidh a bhaisteadh le Eòin anns an Iòrdan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus thàrladh anns na làithean sin gun tàinig Iosa o Nàsaret Ghalile, agus bhaisteadh e le Eòin ann an Iòrdan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus thàrladh anns na làithean sin gun tàinig Iosa o Nàsaret Ghalile, agus bhaisteadh e le Eòin ann an Iòrdan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

9 Man àm sin, thàinig Iosa bho Nàsaret an Galile, agus bhaist Eòin e ann an abhainn Iòrdain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Us thachair, gun tainig Iosa anns na laithean sin bho Nasareth Ghalile; agus bhaisteadh e le Eoin an Iordan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:9
7 Iomraidhean Croise  

agus chaidh e is dh'fhuirich e ann am baile air an robh an t‑ainm Nàsaret, airson 's gun deigheadh an rud a chaidh a ràdh leis na fàidhean a choileanadh: “Thèid Nàsarach a ghabhail air.”


Nuair a bha e a' tighinn a‑nìos às an uisge, chunnaic e na nèamhan gan reubadh fosgailte agus an Spiorad a' tighinn a‑nuas air mar chalman.


Bhaist mise sibh le uisge, ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.”


Agus chaidh e sìos còmhla riutha is thàinig e gu Nàsaret agus bha e umhail dhaibh. Ach ghlèidh a mhàthair na rudan sin uile na cridhe.


a' tòiseachadh o bhaisteadh Eòin gus an latha san deach a thogail suas uainn, a bhith air a dhèanamh na fhianais dhe aiseirigh‑san còmhla rinne.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan