Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Bhaist mise sibh le uisge, ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Bhaist mise gu dearbh sibh le uisge: ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Bhaist mise gu dearbh sibh le uisge: ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

8 Bhaist mise sibh le uisge, ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Bhaist mise sibh le uisge; ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:8
19 Iomraidhean Croise  

“Tha mise gur baisteadh le uisge airson aithreachais, ach tha esan a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air a chuarain a ghiùlain. Baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine.


Agus shearmonaich e ag ràdh, “Tha an t‑Aon a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, air nach airidh mise air cromadh sìos agus barraill a chuarain fhuasgladh.


Anns na làithean sin thàinig Ìosa o Nàsaret Ghalile agus chaidh a bhaisteadh le Eòin anns an Iòrdan.


fhreagair Eòin iad uile, ag ràdh, “Tha mise gur baisteadh le uisge, ach tha Aon a' tighinn a tha nas cumhachdaiche na mise, agus chan eil mise airidh air barraill a chuarain fhuasgladh. Baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine.


Fhreagair Eòin, “Tha mise a' baisteadh le uisge, ach tha fear na sheasamh nur measg nach aithne dhuibh.


Cha bhithinn air a bhith eòlach air, mura biodh am fear a chuir mi a bhaisteadh le uisge air innse dhomh, ‘Am fear air am faic thu an Spiorad a' tighinn a‑nuas agus a' fuireach, 's esan a bhaisteas leis an Spiorad Naomh.’


“oir bhaist Eòin le uisge, ach bidh sibhse air ur baisteadh leis an Spiorad Naomh, beagan làithean às dèidh seo.”


Agus ghabh na creidmhich a bha dhen timcheall‑ghearradh a bh' air tighinn còmhla ri Peadar iongnadh, a chionn 's gun robh tiodhlac an Spioraid Naoimh air a dhòrtadh a‑mach air na Cinnich cuideachd.


“‘Agus tachraidh anns na làithean deireannach, tha Dia ag ràdh, gun dòirt mise a‑mach dhem Spiorad air a h‑uile feòil; agus nì ur mic is ur nigheanan fàidheadaireachd, agus chì ur fir òga seallaidhean is bidh ur seann daoine ag aisling aislingean.


Agus bha iad uile air an lìonadh leis an Spiorad Naomh agus thòisich iad air bruidhinn ann an teangannan eile, mar a thug an Spiorad comas còmhraidh dhaibh.


Oir ann an aon Spiorad chaidh ar baisteadh uile dhan aon chorp – Iùdhaich no Greugaich, daor no saor, agus chaidh toirt oirnn uile òl dhen aon Spiorad.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan