Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Agus shearmonaich e ag ràdh, “Tha an t‑Aon a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, air nach airidh mise air cromadh sìos agus barraill a chuarain fhuasgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus shearmonaich e, ag ràdh, Tha neach a’ teachd am dhèidh as cumhachdaiche na mise, neach nach airidh mise air cromadh sìos agus barr-iall a bhròg fhuasgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus shearmonaich e, ag ràdh, Tha neach a’ teachd am dhèidh as cumhachdaiche na mise, neach nach airidh mise air cromadh sìos agus barr‐iall a bhròg fhuasgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

7 Seo mar a thubhairt e: “Tha fear a' tighinn ás mo dhèidh a tha nas cumhachdaiche na mise. Chan eil mise airidh air cromadh gu barriall a bhrògan fhosgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Tha fear nas cumhachdaiche na mise tighinn am dheigh: neach nach airidh mise air cromadh sios us bariall a bhrogan fhuasgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:7
11 Iomraidhean Croise  

“Tha mise gur baisteadh le uisge airson aithreachais, ach tha esan a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air a chuarain a ghiùlain. Baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine.


Ach dh'fheuch Eòin ri a bhacadh, ag ràdh, “Tha feum agamsa a bhith air mo bhaisteadh leatsa, agus a bheil thusa a' tighinn thugamsa?”


A‑nis bha Eòin air èideadh le fionnadh chàmhal, le crios leathair ma mheadhan, agus ag ithe lòcaist le mil fhiadhaich.


Bhaist mise sibh le uisge, ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.”


fhreagair Eòin iad uile, ag ràdh, “Tha mise gur baisteadh le uisge, ach tha Aon a' tighinn a tha nas cumhachdaiche na mise, agus chan eil mise airidh air barraill a chuarain fhuasgladh. Baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine.


Is esan am fear a tha a' tighinn às mo dhèidh, agus nach airidh mise air barraill a chuarain fhuasgladh.”


Agus fhad 's a bha Eòin a' crìochnachadh a chùrsa, thuirt e, ‘Dè a tha sibh a' smaoineachadh a th' annamsa? Cha mhise esan. Cha mhi, ach seallaibh, às mo dhèidh tha fear a' tighinn, nach airidh mi air cuarain a chasan fhuasgladh.’


Agus thuirt Pòl, “Bhaist Eòin le baisteadh an aithreachais, a' cantainn ris an t‑sluagh creidsinn san fhear a bha a' tighinn às a dhèidh, is e sin Ìosa.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan