Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 A‑nis bha Eòin air èideadh le fionnadh chàmhal, le crios leathair ma mheadhan, agus ag ithe lòcaist le mil fhiadhaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus bha Eòin air èideadh le fionnadh chàmhal, agus crios leathair ma leasraidh; agus bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus bha Eòin air èideadh le fionnadh chàmhal, agus crios leathair ma leasraidh; agus bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

6 Cha robh dh'aodach air Eòin ach craiceann càmhail le bann leathair ma mheadhon, agus 'se am biadh a bh'aige lòcaist agus mil fhiadhaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Agus bha Eoin air eideadh le fionnadh chamhal, us crios leathrach mu leasraidh; agus dhʼich e locuist us mil fhiadhaich. Agus shearmonaich e, a g-radh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:6
6 Iomraidhean Croise  

A‑nis bha aodach de dh'fhionnadh chàmhal aig Eòin air fhèin agus crios leathair ma mheadhan, agus is e lòcaist agus mil fhiadhaich a bu bhiadh dha.


Agus bha tìr Iudèa gu lèir agus na h‑Ierusalemich a' dol a‑mach thuige agus bha e gam baisteadh ann an abhainn Iòrdain, 's iad ag aideachadh am peacaidhean.


Agus shearmonaich e ag ràdh, “Tha an t‑Aon a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, air nach airidh mise air cromadh sìos agus barraill a chuarain fhuasgladh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan