Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Agus bha tìr Iudèa gu lèir agus na h‑Ierusalemich a' dol a‑mach thuige agus bha e gam baisteadh ann an abhainn Iòrdain, 's iad ag aideachadh am peacaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus chaidh a‑mach da ionnsaigh tìr Iudèa uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus bhaisteadh leis iad uile ann an abhainn Iòrdain, ag aideachadh am peacaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus chaidh a‑mach da ionnsaigh tìr Iudèa uile, agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus bhaisteadh leis iad uile ann an abhainn Iòrdain, ag aideachadh am peacaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

5 Chaidh a h‑uile duine ann an Iudèa 's ann an Ierusalem a‑mach far an robh e; bha iad ag aideachadh am peacaidhean 's bha esan gam baisteadh ann an abhainn Iòrdain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Agus chaidh duthaich Iudéa uile mach ga ionnsuidh, agus muinntir Ierusalem gu leir, us bhaisteadh iad leis ann an abhuinn Iordain a g-aideachadh am peacannan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:5
15 Iomraidhean Croise  

Agus lean sluagh mòr e o Ghalile is o Dhecapolis, agus o Ierusalem is o Iudèa, agus o thaobh thall Iòrdain.


Nochd Eòin, a' baisteadh anns an fhàsach agus a' searmonachadh baisteadh an aithreachais airson mathanas pheacaidhean.


A‑nis bha Eòin air èideadh le fionnadh chàmhal, le crios leathair ma mheadhan, agus ag ithe lòcaist le mil fhiadhaich.


Thachair seo ann am Betani air taobh thall Iòrdain, far an robh Eòin a' baisteadh.


Bha Eòin cuideachd a' baisteadh aig Ènon faisg air Salim, a chionn 's gun robh pailteas uisge an sin, agus bha daoine a' tighinn airson a bhith air am baisteadh.


B' e lampa lasrach agus dheàlrach a bh' ann, agus roghnaich sibh toileachas a dhèanamh na sholas airson greis,


Thàinig mòran cuideachd dhiubhsan a chreid, ag aideachadh 's ag innse an gnìomhan.


Agus thuirt Peadar riutha, “Dèanaibh aithreachas agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Ìosa Crìosd airson mathanas ur peacaidhean, agus gheibh sibh tiodhlac an Spioraid Naoimh.


Mar sin aidichibh ur peacaidhean dha chèile, agus dèanaibh ùrnaigh airson a chèile airson 's gum bi sibh air ur slànachadh. Tha ùrnaigh an ionracain cumhachdach agus èifeachdach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan