Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:44 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

44 Agus thuirt e ris, “Feuch nach innis thu rud sam bith do neach sam bith. Ach thalla agus seall thu fhèin dhan t‑sagart, agus mar fhianais dhaibh, tairg na dh'àithn Maois airson do ghlanaidh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

44 Agus thubhairt e ris, Feuch nach innis thu a’ bheag do neach air bith: ach imich, nochd thu fhèin don t‑sagart, agus tabhair mar ìobairt airson do ghlanaidh na nithean a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

44 Agus thubhairt e ris, Feuch nach innis thu a’ bheag do neach air bith: ach imich, nochd thu fhèin don t‑sagart, agus tabhair mar ìobairt airson do ghlanaidh na nithean a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

44 “Feuch nach can thu guth ri duine, ach falbh 's seall thu-fhèin dhan t‑sagart. Dèan ìobairt mar a dh'iarr Maois, a dhearbhadh dhan t‑sluagh gu bheil thu air do ghlanadh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

44 ʼS thuirt e ris: Fiach nach innis thu do neach air bith: ach falbh, fiach thu fhein doʼn ard-shagart, agus tairg air son do ghlanaidh na nichean a dhʼorduich Maois, mar theisteanas dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:44
9 Iomraidhean Croise  

Agus thuirt Ìosa ris, “Feuch nach innis thu rud sam bith do neach sam bith. Ach thalla agus seall thu fhèin dhan t‑sagart agus tairg an tiodhlac, mar fhianais dhaibh, a dh'àithn Maois.”


An uair sin, a' rabhadh dha gu geur, chuir e air falbh sa bhad e.


Nuair a chunnaic e iad, thuirt e riutha, “Thallaibh agus seallaibh sib' fhèin dha na sagartan.” Agus fhad 's a bha iad a' falbh, chaidh an dèanamh glan.


Agus dh'àithn e dha gun innse do neach sam bith; “Ach thalla, agus seall thu fhèin dhan t‑sagart, agus tairg ìobairt airson do ghlanaidh mar fhianais dhaibh, mar a dh'àithn Maois.”


Mar sin chuir an t‑àrd‑cheannard air falbh am fear òg, ag àithne dha, “Na can ri neach sam bith gun do dh'innis thu na rudan seo dhòmhsa.”


Oir, ge b' e dè a bha sgrìobhte roimhe, bha e air a sgrìobhadh airson ar teagasg‑ne, airson 's tro fhoighidinn is tro mhisneachd nan Sgriobtar gum biodh dòchas againn.


A‑nis thachair na rudan seo dhaibh mar eisimpleirean, ach bha iad air an sgrìobhadh sìos airson ar teagasg‑ne, air a bheil deireadh nan linntean air tighinn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan