Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:40 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

40 Thàinig lobhar thuige, a' guidhe air, agus a' lùbadh a ghlùin dha, thuirt e ris, “Mas miann leat, tha thu comasach air mise a dhèanamh glan.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

40 Agus thàinig lobhar da ionnsaigh, a’ guidhe air, agus a’ lùbadh a ghlùin dha, agus ag ràdh ris, Mas àill leat, tha thu comasach air mise a dhèanamh glan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

40 Agus thàinig lobhar da ionnsaigh, a’ guidhe air, agus a’ lùbadh a ghlùin dha, agus ag ràdh ris, Mas àill leat, tha thu comasach air mise a dhèanamh glan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

40 Thàinig lobhar far an robh Iosa. Chaidh e air a ghlùinean, 's thuirt e ris, “Mas math leat, tha e nad chomas mise a ghlanadh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

40 Agus thainig lobhar ga ionnsuidh, a guidhe air; ʼsa tuiteam air a ghluinean, thuirt e ris: Ma ʼs aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:40
20 Iomraidhean Croise  

tha na doill a' faighinn fradhairc, agus na bacaich a' coiseachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a' cluinntinn, na mairbh air an togail suas, agus an soisgeul air a shearmonachadh dha na bochdan.”


Agus nuair a thàinig iad chun an t‑sluaigh, thàinig duine suas gu Ìosa agus, a' tuiteam gu ghlùinean,


Agus air a lìonadh le truas, shìn e a‑mach a làmh agus bhean e ris, agus thuirt e, “Is miann leam. Bi glan!”


Fhad 's a bha e a' tòisicheadh air a shlighe, ruith duine suas thuige agus chaidh e sìos air a ghlùinean ma choinneamh, agus dh'fhaighnich e dha, “Fhir‑Teagaisg mhaith, dè a dh'fheumas mi a dhèanamh airson 's gun sealbhaich mi a' bheatha shìorraidh?”


Agus chaidh e air falbh uapa mu fhad tilgeil cloiche agus chaidh e air a ghlùinean is rinn e ùrnaigh,


Agus a' tuiteam air a ghlùinean, dh'èigh e le guth àrd, “A Thighearna, na cùm am peacadh seo nan aghaidh.” Agus às dèidh dha seo a ràdh, thuit e na chadal.


Air an adhbhar seo tha mi a' lùbadh mo ghlùinean mu choinneamh an Athar,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan