Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Nochd Eòin, a' baisteadh anns an fhàsach agus a' searmonachadh baisteadh an aithreachais airson mathanas pheacaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Bha Eòin a’ baisteadh anns an fhàsach, agus a’ searmonachadh baisteadh an aithreachais a‑chum maitheanas pheacaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Bha Eòin a’ baisteadh anns an fhàsach, agus a’ searmonachadh baisteadh an aithreachais a‑chum maitheanas pheacaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

4 Bha Eòin a' baisteadh anns an fhàsach 's ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas agus bithibh air bhur baisteadh, is bheir Dia mathanas dhuibh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Bha Eoin anns an fhasach a baisteadh, ʼsa searmonachadh baisteadh an aithreachais gu mathanas pheacannan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:4
11 Iomraidhean Croise  

“Tha mise gur baisteadh le uisge airson aithreachais, ach tha esan a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air a chuarain a ghiùlain. Baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine.


agus bha e gam baisteadh ann an Abhainn Iòrdain, is iad ag aideachadh am peacaidhean.


Agus bha tìr Iudèa gu lèir agus na h‑Ierusalemich a' dol a‑mach thuige agus bha e gam baisteadh ann an abhainn Iòrdain, 's iad ag aideachadh am peacaidhean.


a thoirt eòlas sàbhalaidh dha shluagh, tro mhathanas am peacaidhean,


Bha Eòin cuideachd a' baisteadh aig Ènon faisg air Salim, a chionn 's gun robh pailteas uisge an sin, agus bha daoine a' tighinn airson a bhith air am baisteadh.


Agus is aithne dhuib' fhèin dè a thachair tro Iudèa gu lèir, a' tòiseachadh o Ghalile às dèidh a' bhaistidh a chuir Eòin an cèill –


Agus a‑nis carson a tha thu a' feitheamh? Èirich agus bi air do bhaisteadh agus nigh air falbh do pheacaidhean, a' gairm air ainm‑san.’


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan