Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:39 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

39 Agus chaidh e tro Ghalile gu lèir a' searmonachadh anns na sionagogan aca agus a' tilgeil a‑mach dheamhain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

39 Agus shearmonaich e nan sionagogan air feadh Ghalile uile, agus thilg e a‑mach na deamhain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

39 Agus shearmonaich e nan sionagogan air feadh Ghalile uile, agus thilg e a‑mach na deamhain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

39 Chaidh e a‑mach air feadh Ghalile uile, a' searmonachadh sna sionagogan, 's a' tilgeil a‑mach dheamhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

39 ʼS bha e teagasg ʼnan sinagogan, ʼs feadh Ghalile uile, ʼsa tilgeadh mach dheomhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:39
10 Iomraidhean Croise  

Agus bha e a' dol tro Ghalile uile, a' teagasg anns na sionagogan aca is a' searmonachadh soisgeul na rìoghachd agus a' slànachadh gach gnè tinneis is gach gnè bochdainn am measg an t‑sluaigh.


Agus chaidh Ìosa tro na bailtean mòra agus na bailtean beaga gu lèir, a' teagasg anns na sionagogan agus a' searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a' leigheas gach tinneas agus gach bochdainn.


Agus chaidh iad a‑steach do Chapernàum agus sa bhad air an t‑Sàbaid chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog agus bha e a' teagasg.


Dìreach an uair sin bha duine anns an robh spiorad neòghlan san t‑sionagog aca, agus dh'èigh e,


Agus thuirt esan riutha, “Rachamaid air adhart gu na bailtean a tha faisg air làimh, airson 's gum faod mi searmonachadh an sin cuideachd. Oir is ann airson seo a thàinig mi.”


A‑rithist chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog, agus bha duine an sin le làimh sheargte.


Agus ghabh e iongnadh mun eas‑creideamh. An uair sin chaidh e timcheall nam bailtean a' teagasg.


Agus chaidh i dhachaigh is fhuair i an leanabh na laighe air an leabaidh agus an deamhan air tighinn a‑mach.


Agus bha deamhain cuideachd a' tighinn a‑mach à mòran, ag èigheach, “Is tusa Mac Dhè.” Ach chronaich e iad agus cha leigeadh e leotha bruidhinn, oir bha fios aca gum b' esan an Crìosd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan