Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:37 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

37 agus lorg iad e is thuirt iad ris, “Tha a h‑uile duine a' coimhead air do shon!”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

37 Agus air fhaotainn dhaibh thubhairt iad ris, Tha gach uile neach gad iarraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

37 Agus air fhaotainn dhaibh thubhairt iad ris, Tha gach uile neach gad iarraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

37 's nuair a lorg iad e, thuirt iad ris, “Tha a h‑uile duine gad iarraidh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

37 ʼS nuair a fhuair iad e, thuirt iad ris: Tha iad uile ga dʼ shireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:37
7 Iomraidhean Croise  

Shir Sìmon agus an fheadhainn a bha còmhla ris gu dùrachdach e,


Agus thuirt esan riutha, “Rachamaid air adhart gu na bailtean a tha faisg air làimh, airson 's gum faod mi searmonachadh an sin cuideachd. Oir is ann airson seo a thàinig mi.”


Agus bha tìr Iudèa gu lèir agus na h‑Ierusalemich a' dol a‑mach thuige agus bha e gam baisteadh ann an abhainn Iòrdain, 's iad ag aideachadh am peacaidhean.


Ma leigeas sinn leis cumail air mar seo, creididh na h‑uile ann, agus thig na Ròmanaich agus bheir iad air falbh an dà chuid ar n‑àite agus ar nàisean.”


Mar sin thuirt na Pharasaich ri càch‑a‑chèile, “Tha sibh a' faicinn nach eil sibh a' buannachadh rud sam bith. Seallaibh, tha an saoghal air a dhol às a dhèidh!”


Thàinig iad gu Eòin agus thuirt iad ris, “A Rabaidh, esan a bha còmhla riut air taobh thall Iòrdain – dhan tug thu fianais – seall, tha e a' baisteadh agus tha na h‑uile a' dol thuige.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan