Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:34 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

34 Agus leighis e mòran a bha tinn le iomadh seòrsa tinneis, agus thilg e a‑mach mòran dheamhain, agus cha cheadaicheadh e dha na deamhain bruidhinn, a chionn 's gum b' aithne dhaibh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

34 Agus leighis e mòran air an robh iomadh gnè eucail, agus thilg e a‑mach mòran dheamhan, agus cha d’fhulaing e do na deamhain labhairt, airson gum b’aithne dhaibh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

34 Agus leighis e mòran air an robh iomadh gnè eucail, agus thilg e a‑mach mòran dheamhan, agus cha d’fhulaing e do na deamhain labhairt, airson gum b’aithne dhaibh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

34 Leighis e mòran air an robh iomadh droch thinneas, 's chuir e iomadh deamhan air theicheadh. Cha cheadaicheadh e dha na deamhain guth a ràdh, a chionns gum b'aithne dhaibh cò bh'ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

34 Agus leighis e moran, a bha air an leireadh le iomadh gné ghalar, agus thilg e mach moran dheomhan, ʼs cha do leig e leo labhairt, a chionn ʼs gum bʼaithne dhaibh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:34
6 Iomraidhean Croise  

Agus bha e a' dol tro Ghalile uile, a' teagasg anns na sionagogan aca is a' searmonachadh soisgeul na rìoghachd agus a' slànachadh gach gnè tinneis is gach gnè bochdainn am measg an t‑sluaigh.


Mar sin chaidh a chliù air feadh Shiria gu lèir, agus thug iad thuige iadsan uile a bha tinn, iadsan a bha a' fulang diofar bhochdainnean is phiantan, iadsan a bha fo chumhachd dheamhan, tuiteamaich agus luchd‑pairilis, agus shlànaich e iad.


Agus chronaich Ìosa e, ag ràdh, “Bi sàmhach agus thig a‑mach às!”


Ach thug e òrdugh teann dhaibh nach dèanadh iad aithnichte e.


Agus bha deamhain cuideachd a' tighinn a‑mach à mòran, ag èigheach, “Is tusa Mac Dhè.” Ach chronaich e iad agus cha leigeadh e leotha bruidhinn, oir bha fios aca gum b' esan an Crìosd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan