Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:32 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

32 Air an fheasgar sin aig dol sìos na grèine bha iad gan toirt‑san uile a bha tinn thuige, agus iadsan a bha fo chumhachd dheamhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

32 Agus nuair a bha am feasgar ann, air don ghrèin dol fodha, thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus iadsan anns an robh deamhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

32 Agus nuair a bha am feasgar ann, air don ghrèin dol fodha, thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus iadsan anns an robh deamhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

32 Am beul an anmoich, nuair a chaidh a' ghrian fodha, bha iad a' tighinn thuige le daoine a bha tinn, 's le feadhainn a bha fo bhuaidh dheamhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

32 ʼS nuair thainig am feasgar, ʼsa chaidh a ghrian fodha, thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach, agus anns an robh deomhain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:32
8 Iomraidhean Croise  

Mar sin chaidh a chliù air feadh Shiria gu lèir, agus thug iad thuige iadsan uile a bha tinn, iadsan a bha a' fulang diofar bhochdainnean is phiantan, iadsan a bha fo chumhachd dheamhan, tuiteamaich agus luchd‑pairilis, agus shlànaich e iad.


Nuair a thàinig am feasgar thug iad thuige mòran a bha fo chumhachd dheamhan, agus thilg e a‑mach na spioradan le facal, agus shlànaich e iadsan uile a bha tinn.


Bha seo airson 's gun deigheadh an rud a choileanadh a chaidh a ràdh tro Isaiah am fàidh: “Ghabh esan ar n‑anfhannachdan agus ghiùlain e ar tinneasan.”


Agus chaidh iad a‑steach do Chapernàum agus sa bhad air an t‑Sàbaid chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog agus bha e a' teagasg.


Agus thàinig esan agus rug e air làimh oirre agus thog e suas i. An uair sin dh'fhàg am fiabhras i, agus fhritheil i dhaibh.


Agus rinn iad faire air airson faicinn an leighiseadh e air an t‑Sàbaid e, airson 's gum b' urrainn dhaibh cùis‑dhìtidh a thoirt na aghaidh.


A‑nis, fhad 's a bha a' ghrian a' dol fodha, chaidh iadsan uile a bha tinn le iomadh seòrsa tinneis a thoirt thuige, agus chuir esan a làmhan air gach aon dhiubh, agus leighis e iad.


Agus bha deamhain cuideachd a' tighinn a‑mach à mòran, ag èigheach, “Is tusa Mac Dhè.” Ach chronaich e iad agus cha leigeadh e leotha bruidhinn, oir bha fios aca gum b' esan an Crìosd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan