Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:30 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

30 A‑nis bha màthair‑chèile Shìmoin na laighe tinn le fiabhras, agus sa bhad dh'innis iad do dh'Ìosa ma deidhinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

30 Ach bha màthair-chèile Shìmoin na laighe ann am fiabhras; agus ghrad labhair iad ris uimpe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

30 Ach bha màthair‐chèile Shìmoin na laighe ann am fiabhras; agus ghrad labhair iad ris uimpe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

30 Bha màthair-chèile Shìmoin na laighe le fiabhras, 's chaidh innse do dh'Iosa ma deidhinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

30 Agus bha mathair-cheile Shimoin ʼna laidhe ann an teasaich; agus dhʼinnis iad dha gun dàil mu deidhinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:30
7 Iomraidhean Croise  

Nuair a thàinig Ìosa a‑steach do thaigh Pheadair, chunnaic e a mhàthair‑cèile‑san na laighe agus fiabhras oirre.


Nuair a thàinig iad on t‑sionagog, chaidh iad a‑steach do thaigh Shìmoin is Anndra, còmhla ri Seumas is Eòin.


Agus thàinig esan agus rug e air làimh oirre agus thog e suas i. An uair sin dh'fhàg am fiabhras i, agus fhritheil i dhaibh.


Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, “Tha mo nighean bheag ri uchd bàis. Thig, tha mi a' guidhe ort, agus cuir do làmhan oirre airson 's gun tèid a slànachadh, agus gum bi i beò.”


Mar sin chuir na peathraichean fios thuige, ag ràdh, “A Thighearna, tha an neach as gràdhach leat tinn.”


Nach eil còir againn bean‑phòsta a thoirt leinn, mar a th' aig na h‑abstoil eile agus aig bràithrean an Tighearna agus Cèphas?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan