Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 guth aoin ag èigheach anns an fhàsach, ‘Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a fhrith‑rathaidean dìreach.’”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Guth an tì a dh’èigheas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Guth an tì a dh’èigheas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

3 Tha e a' glaodhaich anns an fhàsach, ‘Cuiribh slighe an Tighearna air dòigh, dèanaibh an rathad dìreach air a shon’.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Guth neach a g-eigheach san fhasach: Reitichibh slighe an Tighearna, agus dianaibh aisridhean direach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:3
8 Iomraidhean Croise  

Anns na làithean sin thàinig Eòin Baistidh a' searmonachadh ann am fàsach Iudèa,


Oir is e seo esan mun do bhruidhinn Isaiah am fàidh nuair a thuirt e: “Guth aoin ag èigheach anns an fhàsach, ‘Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a fhrith‑rathaidean dìreach.’”


nuair a bha Annas agus Caiaphas nan àrd‑shagartan, thàinig facal Dhè gu Eòin mac Shachariah anns an fhàsach.


Tha Eòin a' toirt fianais ma dheidhinn. Tha e ag èigheach, ag ràdh, “Is e seo esan air an do bhruidhinn mi: ‘Tha am fear a tha a' tighinn às mo dhèidh air thoiseach orm a chionn 's gun robh e romham.’”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan