Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:28 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

28 Agus chaidh a chliù sa bhad a‑mach air feadh na tìre gu lèir timcheall Ghalile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

28 Agus chaidh a chliù air ball a‑mach air feadh na tìre uile timcheall Ghalile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

28 Agus chaidh a chliù air ball a‑mach air feadh na tìre uile timcheall Ghalile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

28 Sgaoil a chliù fad is farsaing air feadh Ghalile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

28 Agus sgaoil iomradh air gun dàil feadh duthaich Ghalile uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:28
10 Iomraidhean Croise  

Mar sin chaidh a chliù air feadh Shiria gu lèir, agus thug iad thuige iadsan uile a bha tinn, iadsan a bha a' fulang diofar bhochdainnean is phiantan, iadsan a bha fo chumhachd dheamhan, tuiteamaich agus luchd‑pairilis, agus shlànaich e iad.


Agus chaidh an naidheachd mun seo a‑mach air feadh na tìre sin gu lèir.


Ach dh'fhalbh iad agus sgaoil iad an naidheachd ma dheidhinn air feadh na tìre sin gu lèir.


Agus bha iad uile fo uimhir de dh'iongnadh is gun do dh'fhaighnich iad do chàch‑a‑chèile, “Dè tha seo? Teagasg ùr le ùghdarras! Tha e fiù 's a' toirt òrduigh dha na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha.”


Nuair a thàinig iad on t‑sionagog, chaidh iad a‑steach do thaigh Shìmoin is Anndra, còmhla ri Seumas is Eòin.


Ach chaidh esan a‑mach agus thòisich e air tòrr aithris a dhèanamh agus air an naidheachd a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach b' urrainn do dh'Ìosa tuilleadh a dhol gu follaiseach a‑steach do bhaile. Ach dh'fhan e a‑muigh ann an àiteachan fàsail agus bha daoine a' tighinn thuige on a h‑uile taobh.


Agus chaidh rolla an fhàidh Isaiah a thoirt dha. Agus dh'fhuasgail e an rolla is lorg e an t‑àite far a bheil e sgrìobhte:


Agus bha iomradh ma dheidhinn‑san a' dol a‑mach air feadh gach àite dhen cheàrnaidh mun cuairt.


Agus chaidh an naidheachd seo ma dheidhinn a‑mach air feadh Iudèa air fad agus air feadh na dùthcha mun cuairt oirre gu lèir.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan