Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:25 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

25 Agus chronaich Ìosa e, ag ràdh, “Bi sàmhach agus thig a‑mach às!”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

25 Agus chronaich Iosa e, ag ràdh, Bi ad thosd, agus thig a‑mach as.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

25 Agus chronaich Iosa e, ag ràdh, Bi ad thosd, agus thig a‑mach as.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

25 Thug Iosa òrdugh teann dhan droch spiorad, 's thuirt e ris, “Bi thusa sàmhach, 's thig a‑mach ás.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

25 Us mhaoith Iosa air, a g-radh: Bi ad thosd, agus gabh mach as an duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:25
10 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh an sùilean fhosgladh is thug Ìosa rabhadh geur dhaibh, ag ràdh, “Faicibh nach faigh neach sam bith fios air a seo.”


ag ràdh, “Dè do ghnothach‑sa rinne, Ìosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Is aithne dhòmhsa cò thu – Aon Naomh Dhè.”


Dhubh‑chriothnaich an spiorad neòghlan e, agus ag èigheach le guth àrd, thàinig e a‑mach às.


Agus leighis e mòran a bha tinn le iomadh seòrsa tinneis, agus thilg e a‑mach mòran dheamhain, agus cha cheadaicheadh e dha na deamhain bruidhinn, a chionn 's gum b' aithne dhaibh e.


Agus nuair a chunnaic Ìosa gun robh sluagh a' cruinneachadh gu luath, chronaich e an spiorad neòghlan, ag ràdh ris, “A spioraid bhailbh is bhodhair, tha mi ag òrdachadh dhut, thig a‑mach às, agus na rach a‑steach ann tuilleadh!”


Agus chronaich Ìosa e, ag ràdh, “Bi sàmhach agus thig a‑mach às.” Agus nuair a bha an deamhan air esan a thilgeil sìos nam measg, thàinig e a‑mach às gun chron sam bith a dhèanamh air.


Agus bha deamhain cuideachd a' tighinn a‑mach à mòran, ag èigheach, “Is tusa Mac Dhè.” Ach chronaich e iad agus cha leigeadh e leotha bruidhinn, oir bha fios aca gum b' esan an Crìosd.


Lean i seo Pòl agus sinne, ag èigheach a‑mach, “Tha na daoine seo nan seirbheisich dhan Dia as àirde, a tha a' cur an cèill dhuibh slighe na slàinte.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan