Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:24 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

24 ag ràdh, “Dè do ghnothach‑sa rinne, Ìosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Is aithne dhòmhsa cò thu – Aon Naomh Dhè.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

24 Ag ràdh, Leig leinn; ciod ar gnothach-ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios-ne? Is aithne dhomh cò thu, aon naomh Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

24 Ag ràdh, Leig leinn; ciod ar gnothach‐ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios‐ne? Is aithne dhomh cò thu, aon naomh Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

24 “Dè an gnothach a th'agadsa ruinne, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu a chur ás dhuinn? 'S math as aithne dhomh cò thu — duine naomh Dhè.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

24 A g-radh: Ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? an tainig thu gus ar sgrios? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:24
25 Iomraidhean Croise  

agus chaidh e is dh'fhuirich e ann am baile air an robh an t‑ainm Nàsaret, airson 's gun deigheadh an rud a chaidh a ràdh leis na fàidhean a choileanadh: “Thèid Nàsarach a ghabhail air.”


Agus seall, dh'èigh iad, “Dè an gnothach a th' agad leinne, a Mhic Dhè? An tàinig thu an seo airson ar cur fo àmhghar ron àm?”


Dìreach an uair sin bha duine anns an robh spiorad neòghlan san t‑sionagog aca, agus dh'èigh e,


Agus chronaich Ìosa e, ag ràdh, “Bi sàmhach agus thig a‑mach às!”


Nuair a chuala e gum b' e Ìosa o Nàsaret a bh' ann, thòisich e air èigheach agus air a ràdh, “Ìosa, a Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm!”


agus a' faicinn Pheadair ga gharadh fhèin, sheall i gu geur air agus thuirt i, “Bha thusa cuideachd còmhla ri Ìosa o Nàsaret.”


Ach thuirt e riutha, “Na biodh eagal oirbh. Tha sibh a' sireadh Ìosa o Nàsaret, a chaidh a cheusadh. Dh'èirich e; chan eil e an seo. Seallaibh an t‑àite far an do chuir iad na shìneadh e.


Agus dh'èigh e le guth àrd, is thuirt e, “Dè mo ghnothach riutsa, Ìosa, a Mhic an Dè as ro àirde? Tha mi a' guidhe ort, tro Dhia, gun mo chur fo àmhghar.”


Agus fhreagair an t‑aingeal i, “Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Aoin as Àirde sgàil ort. Mar sin, an leanabh naomh a bhios air a bhreith, gabhaidh iad Mac Dhè air.


Agus thuirt e riutha, “Dè na rudan?” “Na rudan a thachair do dh'Ìosa o Nàsaret, duine a bha na fhàidh cumhachdach ann an gnìomh agus ann am facal mu choinneamh Dhè, agus an t‑sluaigh gu lèir.


“À! Dè do ghnothach‑sa rinne, Ìosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Is aithne dhòmhsa cò thu – Aon Naomh Dhè.”


Nuair a chunnaic e Ìosa, dh'èigh e a‑mach agus thuit e sìos ma choinneamh agus thuirt e le guth àrd, “Dè mo ghnothach riutsa, Ìosa, a Mhic an Dè as ro àirde? Tha mi a' guidhe ort gun mo chur fo àmhghar.”


An uair sin dh'iarr uile shluagh na dùthcha mun cuairt nan Gerasèanach airsan falbh uapa, oir chaidh an glacadh le eagal mòr. Mar sin chaidh e do dh'eathar agus thill e air ais.


Agus tha sinne air creidsinn, agus air tighinn gus a bhith a' tuigsinn, gur tusa Aon Naomh Dhè.”


Oir chan fhàg thu m' anam ann an Ifrinn, cha mhotha a leigeas tu led Aon Naomh gum faic e truaillidheachd.


“Oir fhuair sinn am fear seo na phlàigh, fear a tha a' brosnachadh ùpraidean am measg nan Iùdhach uile air feadh an t‑saoghail 's a tha na cheann‑feadhna de bhuidheann nan Nàsarènach.


Ach dh'àich sibhse an t‑Aon Naomh agus Fìreanta, agus dh'iarr sibh gum biodh murtair air a shaoradh dhuibh,


“Oir gu fìrinneach sa bhaile seo bha, air an cruinneachadh còmhla an aghaidh do sheirbheisich naoimh Ìosa, a dh'ung thu, an dà chuid Herod is Pontius Pìlat, còmhla ris na Cinnich is slòigh Israeil,


Tha thu a' creidsinn gu bheil Dia na aon; is math a tha thu a' dèanamh. Tha fiù 's na deamhain a' creidsinn 's a' dol air chrith.


Ach tha ungadh agaibhse on Aon Naomh agus tha fios agaibh uile.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann am Philadelphia, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan ag ràdh, an Aon Naomh, an Aon Fìor, an Aon aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Aon a tha a' fosgladh 's nach dùin neach sam bith, agus a dhùineas is nach fosgail neach sam bith:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan