Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:23 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

23 Dìreach an uair sin bha duine anns an robh spiorad neòghlan san t‑sionagog aca, agus dh'èigh e,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

23 Agus bha nan sionagog-san neach anns an robh spiorad neòghlan, agus ghlaodh e,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

23 Agus bha nan sionagog‐san neach anns an robh spiorad neòghlan, agus ghlaodh e,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

23 Dh'èirich am fear a bha seo, 's e fo bhuaidh droch spioraid, agus leig e eubh ás:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

23 Agus bha san t-sinagog aca duine anns an robh spiorad neoghlan, us dhʼeigh e,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:23
10 Iomraidhean Croise  

“Nuair a tha an spiorad neòghlan air a dhol a‑mach à duine, thèid e tro àiteachan gun uisge a' sireadh fois, agus chan fhaigh e i.


Agus bha iad fo iongnadh mu a theagasg‑san, oir theagaisg e mar neach aig an robh ùghdarras, agus cha b' ann mar na sgrìobhaichean.


ag ràdh, “Dè do ghnothach‑sa rinne, Ìosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Is aithne dhòmhsa cò thu – Aon Naomh Dhè.”


Nuair a thàinig iad on t‑sionagog, chaidh iad a‑steach do thaigh Shìmoin is Anndra, còmhla ri Seumas is Eòin.


Agus leighis e mòran a bha tinn le iomadh seòrsa tinneis, agus thilg e a‑mach mòran dheamhain, agus cha cheadaicheadh e dha na deamhain bruidhinn, a chionn 's gum b' aithne dhaibh e.


Agus chaidh e tro Ghalile gu lèir a' searmonachadh anns na sionagogan aca agus a' tilgeil a‑mach dheamhain.


Nuair a chaidh e a‑mach às an eathar, sa bhad, o na tuaman, thachair duine ris anns an robh spiorad neòghlan,


Ach sa bhad chuala boireannach aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan ma dheidhinn agus thàinig i is thuit i aig a chasan.


Agus nuair a chunnaic Ìosa gun robh sluagh a' cruinneachadh gu luath, chronaich e an spiorad neòghlan, ag ràdh ris, “A spioraid bhailbh is bhodhair, tha mi ag òrdachadh dhut, thig a‑mach às, agus na rach a‑steach ann tuilleadh!”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan